Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cromba on Chnoc
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0312
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
LINN
1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32216
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean
puirt
aiseagan
iasgach
creag-eòlas
ola
calachan
Cromarty from the HIl

Sa chairt-phuist seo chithear Cromba on iar.

'S ann o 'bàgh crom' a tha an t-ainm a' tighinn, agus tha e na laighe air rubha tuath air an Eilean Dubh air tràighean Linne Chrombaigh, a tha na shàilean de Linne Mhoireibh

'S e an togalach air an làimh dheis Eaglais a' Pharraist an Iar, a bha na h-Eaglais Shaor o thùs, air a togail an 1865-7 agus air a h-ath-thogail an 1923 an dèidh teine. Air a cùlaibh chithear tùr agus stìoball na bunsgoile a dh'fhosgladh an 1876. Gabhaidh tùr geal an taigh-sholais fhaicinn sa mheadhan. Chaidh sin a thogail an 1846 le Ailean Stevenson air làrach na croich.

Air an làimh chlì chithear an cala a chaidh a thogail eadar 1781 agus 1784 nuair a chaidh pìos ur, cidhe ùr agus dòirlinn-fasgaidh cloiche a chur ris a' chidhe cloiche ìseal a bh' ann a cheana. Chithear Neag ann an Ros an Ear taobh thall na linne. Bha aiseag tarsainn air a' chaolas seo on treas linn deug nuair a bha e air an rathad mhòr a ghabhadh an luchd-taisteil a bha air an slighe gu naomh-chobhan an Naoimh Dubhthaich ann am Baile Dhubhthaich. Tha na rathaidean is na rèilean ùra a' gabhail cùrsa eile air falbh o Chromba ach tha an t-aiseag fhathast a' dol tarsainn as t-samhradh. Cha ghabh e ach dà chàr agus 's e an t-aiseag chàraichean as lugha ann am Breatainn.

Dh'fhàs Cromba timcheall air caisteal a chaidh a thogail an seo gus an luchd-taisteil a dhìon agus gus neart an Rìgh a dhaingneachadh gu Tuath. 'S e Baile Rìoghail a bh' ann gu ruig an t-seachdamh linn deug gus an do chosg e cus airson a chumail suas. 'S e port cudromach a bh' ann cuideachd far an robh iad a' cur gràn is iasg saillte a-null thairis agus a' toirt a-steach bathair on Roinn Eòrpa. Bha siorraidh oighreachail ann an Cromba, an toiseach teaghlach Mowatt agus an uair sin teaghlach Urchardain, am fear as ainmeile dhiubh sin Sir Tòmas Urchardan. 'S e duine àraidh a bh' ann agus 's e a dh'eadar-theangaich obair Rabelais, sgrìobhadair Frangach, gu Beurla. Rinn e cuideachd suas cànain uile-shaoghalach agus sgrìobh e leabhraichean neo-thuigseach air matamataig. Bha e den bheachd gum b'urrainn dha a shliochd a lorg air ais gu ruig Àdhamh. 'S e fìor rìoghaire a bh' ann agus, a rèir aithris, 's ann a bhàsaich e a' gàireachdainn nuair a chuala e gun d'fhuair an Rìgh Teàrlach II an crùn air ais.

Ann an 1767 cheannaich Seòras Ros à Pitkerrie Oighreachd Chrombaidh. Rugadh esan ann am Machair Rois an 1700 agus rinn e fhortan ann an Lunnainn na fhear-lagha agus na fhear-ionaid a bha a' cumail stòir agus buill-armachd dhan arm. Leag e Caisteal Chrombaidh an 1772 agus thog e aitreabh eireachdail le trannsa fon talamh do luchd-ceàird. Rinn e ath-leasachadh air a' bhaile. Thog e factaraidh cainbe, tè de na factaraidhean a bu tràithe ann an Alba. Chaidh cainbe a thoirt a-steach às a' Bhaltaig gus an gabhadh ròpa agus aodach a dhèanamh leis. A bharrachd air sin, thog e obraichan fa leth airson grùdaireachd, mucan, tàirgnean agus còrd agus thog e an cala ùr, Taigh na Cùirte agus eaglais do dhaoine air ùr-tighinn aig an robh a' Ghàidhlig.

Bha coimhearsnachd iasgaich an seo cho fad air ais ri co-dhiù an seachdamh linn deug. Dh'fhàs iasgach an sgadain gu mòr sna 17mh is 18mh linntean. Bha Cromba gu math beartach agus chaidh mòran de na seann taighean ath-thogail. Ach le deireadh soirbheas an sgadain, mar a dh'fhàs na factaraidhean gu deas, agus le piseach air dòighean siubhail rathaid agus rèile, nach deach tro Chromba, 's ann a thòisich am baile a' dol sìos.

'S ann an Cromba a rugadh Ùisdean Mac a' Mhuilleir (1802-1856), an creag-eòlaiche, clachair, fear-naidheachd agus fear beul-aithris. An-diugh 's e taigh-tasgaidh a tha na thaigh, a tha a' dol air ais gu 1711, agus 's ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha e. Tha leabharlann aig a' bhaile a chaidh a thoirt dhaibh mar thìodhlac bhon fhear-fhialaidh Anndra Carnegie.

'S e cala domhainn nàdarra a th' ann an Linne Chrombaidh agus 's e gearastan nèibhi cudromach a bh' anns a' bhaile aig àm a' Chogaidh Mhòir is an Dara Cogaidh. Bha inntrigeadh dhan linne air a dhìon gu furasta on dà rubha àrd, na Sùdraichean gu Tuath is gu Deas, far am faicear fhathast na dìdeanan a bha a' dìon a' chosta. O chionn greise chleachdadh Linne Chrombaidh na àite airson togail, càradh is dìon nan crann-ola on Chuan a Tuath.

Sna 1960an bha mòran de na taighean ann an droch staid. On uair sin chaidh am baile a leasachadh agus an-diugh 's e Cromba fear de na bailtean an Alba bhon ochdamh linn deug as fheàrr air a ghleidheadh.

Tha na h-achaidhean ri aghaidh na deilbh a-nis làn de thaighean agus tha an tràigh ann an Neag air a leasachadh le gnìomhachas na h-ola.

'S ann o Chromba a thainig ainm tè de na sgìrean mara airson ro-ìnnse na sìde do bhàtaichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cromba on Chnoc

ROS: Crombaidh

1940an

cairtean-puist; bailtean; puirt; aiseagan; iasgach; creag-eòlas; ola; calachan;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection