Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh leis a' Bh-ph E J Newell mu sgoil aig àm an Dàrna Cogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF05_TRACK05_NEWELL
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mrs E J Newell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3222
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
sgoiltean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha a' Bh-ph E J Newell a' bruidhinn air dèanamh a' chùis is saor-laithean a' bhuntàta ann an sgoiltean aig àm a' chogaidh.

Co ris a bha an sgoil coltach rè a' chogaidh?

Uill, bha sgoil gu math diofraichte aig àm a' chogaidh. Sa chiad àite, dh'fheumadh tu a bhith glè chùramach. Sna leabhranan agad, dh'fheumadh tu a h-uile h-oisean a lìonadh. Chan fhaodadh beàrnan mòra falamh a bhith agad bhon bha am pàipear cho gann, 's mar sin dh'fheumadh na leabhranan agad a bhith air an deagh lìonadh agus ma bha thu ag iarraidh leabhrain, jotter ùr, dhèidheadh tu a-mach dhan tidsear is chanadh tu, 'Tha mo leabhran làn.' Agus thionndaidheadh i a h-uile duilleag is chanadh i, 'Tha rùm an sin airson siud, tha rùm do shuim eile shuas an siud agus thalla is lìon do leabhran.' Sin mus fhaigheadh tu leabhran ùr.

Agus an uairsin, 's ann tron chogadh aig an àm seo den bhliadhna - tha sibhse dìreach air tilleadh às dèidh nan saor-làithean, nach eil? Cha robh saor-làithean ann aig toiseach a' chogaidh. Chaidh sinn dhan sgoil san t-Sultain agus dh'fhuirich sinn san sgoil fad na h-ùine gu ruig àm na Nollaige. Gin a bhriseadh idir. Ach nuair a thòisich an cogadh dh'fhalbh na fir gu lèir a shabaid agus an uairsin nuair a thàinig àm na buana air na tuathanasan agus bha am buntàta ag iarraidh togail, cò bha 'dol ga dhèanamh? Agus 's e am freagairt, na balaich 's na caileagan nas aosta. 'S mar sin chaidh innse do na balaich 's do na caileagan na b' aosta gum faodadh iad an sgoil fhàgail gus a dhol dha na tuathanasan agus cuideachadh leis an togail, leis a' bhuain agus am buntàta a dhèanamh, agus a dh'innse na fìrinn a bhith ri spòrs is toileachas. Ach a chionns gu robh an dàrna leth de na clasaichean air falbh, thuirt na tidsearan, 'Cha dèan seo an gnothach - chan eil agam ach leth chlas.' Agus thuirt tidsear eile, 'Chan eil agamsa ach leth chlas.' Agus mar sin thuirt na h-ùghdarrasan,'Uill, 's e as fheàrr gum bi saor-làithean aig an sgoil gu lèir aig an àm seo den bhliadhna.' Agus sin mar a fhuair sibhse bhur làithean dheth ann an - uill, cuine bha e, san t-Sultain? Chun an siud 's e ràith gu math fada a bh' ann san sgoil, ach thàinig na saor-làithean mar thorradh air a' chogadh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chrombaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh leis a' Bh-ph E J Newell mu sgoil aig àm an Dàrna Cogaidh

ROS: Crombaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; sgoiltean; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)