Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cromba an ear
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0318
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32222
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean
linneachan
caolas
rèiseamaidean
suaicheantas
Cromarty East

Sa chairt-phuist seo chithear Cromba on iar.

'S ann o 'bàgh crom' a tha an t-ainm a' tighinn, agus tha e na laighe air rubha tuath air an Eilean Dubh air tràighean Linne Chrombaigh, a tha na shàilean de Linne Mhoireibh.

Os cionn na deilbh chithear suaicheantas Ghàidheil Shìophoirt. Fo cheann an daimh tha na facail "Cuidich an Rìgh" sgrìobhte.

Chaidh an rèiseamaid a thogail ann an 1778 le Coinneach MacCoinnich, Iarla Shìophoirt, le fireannaich o Ros is Cromba, o Chataibh, o Ghallaibh, o na h-Eileanan Arcach agus o Mhoireibh. Ged a bha dùil an toiseach gun deidheadh iad a shabaid ann an Cogadh Saorsa Ameireaga, cha deach iad a-riamh ann ach chaidh iad a shabaid ann an Afraga a Deas, sa Chrimea, an Afganastan, sna h-Ìnnseachan, san Èipheit, san Ear Chèin agus anns an dà chogadh mhòr mus deach an cur comhla ri na Camshronaich ann an 1961.

Tha dà dhoigh far an gabhadh facail an suaicheantais tighinn o thùs. 'S dòcha gun tàinig e bho phàigheadh bhliadhnail de dhamh don Rìgh a rinn Clann 'IcCoinnich, air neo bho thachartas nuair a thuit an Rìgh nuair a bha e a' sealg agus chaidh e shàbhaladh o dhamh fheargach le Cailean MacCoinnich à Cinntàile a dh'èigh, "Cuidich an Rìgh!"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cromba an ear

ROS: Crombaidh

1910an

cairtean-puist; bailtean; linneachan; caolas; rèiseamaidean; suaicheantas

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection