Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àite breith Ùisdein Mhic a' Mhuilleir, Cromba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0326_AT
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
32232
KEYWORDS
Ùisdean Mac a' Mhuilleir
taighean-tughaidh
taighean-tasgaidh
creag-eòlas
pàipearan-naidheachd
Hugh Miller's Birthplace, Cromarty

'S ann o 1711 a tha an taigh-tughaidh seo a th' air Sràid na h-Eaglais. Chaidh a thogail le Iain Feddes, fear a bha na fhear-dàna agus a bha na shin-seanair do Mhac a' Mhuilleir.

'S e maighstir soithich a bh'ann an athair Ùisdein Mhic a' Mhuilleir agus chaidh e às an rathad aig muir ann an 1807. Chaidh am balach a thogail le a mhàthair agus le bràithrean a phàrantan. Bha Ùisdean toinisgeil agus math air leughadh, ach caran fada na cheann fhèin agus b' fheàrr leis a bhith a' coiseachd gu socair air an tràigh far an do ghabh e ùidh an toiseach ann an creag-eòlas. An dèidh connspaid leis a' mhaighstir-sgoile, dh'fhàg e an sgoil agus chaidh e a dh' obair na chlachair ann an Dun Èideann, ach rinn an stùr cron air a sgamhain. Thill e a Chromba gu bhith na chlachair chlachan-uaghach agus thòisich e air artaigilean a sgrìobhadh dhan Inverness Courier agus pàipearan eile.

Ann an 1830 lorg mac a' Mhuilleir fosail èisg san t-seann chlach-ghainmhich ann an Cromba agus ghluais ùidh ann an creag-eòlas gu bhith na sgrùdadh cudromach.

Ann an 1834 thòisich e ag obair sa Bhanca Mhalairteach ann an Cromba na fhear-cunntais agus phòs e Lydia Falconer Fhriseal. Bha còignear chloinne aca. Bhàsaich a' chiad tè, Ealasaid, na pàiste. 'S e an sgrìobhadair Harriet Miller Davidson a bha san nighean a bu shine aca.

Fo bhuaidh a mhàthar, bha Mac a' Mhuilleir a-riamh fìor dhèidheil air eachdraidh is dualchas sgìreil agus chaidh a chiad leabhar, "Scenes and Legends of the North of Scotland" a chlo-bhualadh ann an 1839.

Bha ùidh aig Mac a' Mhuilleir ann an gnothaichean na h-Eaglais agus bha e den bheachd gun robh còir aig Eaglais na h-Alba a bhith comasach air na ministearan aice fhèin a thaghadh gun ghnothach aig na h-uachdarain ris a' chùis. Thug am beachd seo Ùisdean gu aire nan soisgeulaichean a b' ainmeile agus chaidh iarraidh air pàipear ùr soisgeulach dhen ainm 'An Fhianais' a dheasachadh. Ghluais e le theaghlach a Dhùn Èideann gus an dreuchd seo a leantainn agus às dèidh sin bha e na fhear-seilbh air a' phàipear. Bha Mac a' Mhuilleir na fhear-aghaidh air Briseadh na h-Eaglaise nuair a dh'fhàg na soisgeulaich Eaglais na h-Alba gus an Eaglais Shaor a chur air bhonn.

Chùm Mac a' Mhuilleir air, a' sgrìobhadh is a' clo-bhualadh leabhraichean air saidheans nàdair agus creag-eòlas, gu sònraichte "The Old Red Sandstone" a bharrachd air fèin-eachdraidh "My Schools and Schoolmasters".

Bha smuaintean ùra air mean-fhas a' cur dragh air Mac a' Mhuilleir ach dh'fheuch e ri còrdadh a lorg eadar saidheans is creideamh. Bhiodh e ag obair cus agus cha robh e gu leòr am measg dhaoine eile. Thog an tinneas sgamhain ceann a-rithist agus bhiodh e a' fulang le lionn-dubh tric, 's dòcha mar thoradh air trioblaidean eanchainne. Mu dheireadh san oidhche am 23mh / 24mh Dùbhlachd 1856, sa bheachd gu robh e a' dol às a chiall, mharbh e e fhèin le gunna. Chaidh a thìodhlacadh aig Cladh a' Ghrange an Dun Èideann.

Dh'fhosgail an taigh-tughaidh na thaigh-tasgaidh ann an 1890, fo chùram Comhairle Baile Chrombaigh. Tha e a-nis fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha iomadh rud a bh' aig Ùisdean Mac a' Mhuilleir fhèin fhathast ann. Tha gàrradh fiadhaich Albannach air cùl an taighe.

Cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba Taigh nam Muillearan an 1995 agus dh'fhosgail e na thaigh-tasgaidh ann an 2004.

Chaidh Carragh-cuimhne Ùisdein Mac a' Mhuilleir a thogail le sluagh Chrombaigh ann an 1859 air cnoc os cionn a' bhaile. Tha ìomhaigh chloiche, a chaidh a shnaidheadh le A. Handyside Ritchie, den sgrìobhadair is eòlaiche creige seo 's e na sheasamh air mullach colbh Doraic a tha 154.2 meatairean a dh'àirde

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àite breith Ùisdein Mhic a' Mhuilleir, Cromba

ROS: Crombaidh

2000an

Ùisdean Mac a' Mhuilleir; taighean-tughaidh; taighean-tasgaidh; creag-eòlas; pàipearan-naidheachd