Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seòladairean ri ball-coise, Cromba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0330
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32236
KEYWORDS
cairtean-puist
linneachan
creag-eòlas
nèibhi
Sailors at Football, Cromarty

Sa chairt-phuist seo o thràth san 20mh linn chithear seòladairean a' cluich ball-coise ann am pàirc ann an Cromba. Air an cùlaibh chithear sgorr an t-Sùdair a Deas, fear de na maoil a tha a' dìon an inntridh gu Linne Chrombaigh.

'S e sàilean de Linne Mhoireibh a tha ann an Linne Chrombaigh. Air a chruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis 's e cala domhainn nàdarra a th' ann. Ann an 1912 chaidh gearastan nèibhi cudromach a dhèanamh ann agus bha e na acarsaid shàbhailte dhan chabhlach san dà chogadh. Ghabhadh inntrigeadh na linne a dhìon gu furasta on dà mhaol àrd, na Sùdraichean gu Tuath is gu Deas, far am faicear fhathast na dìdeanan a bha a' dìon a' chosta. O chionn greiseag chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath.

San oisean dheas gu h-àrd tha dealbh bheag ann de dh' Ùisdean Mac a' Mhuilleir fear dualchais is creag-eòlaiche, a rugadh an Cromba.

San oisean gu clì gu h-ìosal tha comharra-armachd Chrombaigh ann air a bheil trì cinn tuirc air sgiath le crùn gu h-àrd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seòladairean ri ball-coise, Cromba

ROS: Crombaidh

cairtean-puist; linneachan; creag-eòlas; nèibhi

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection