Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ùisdean Mac a' Mhuilleir
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0331
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32237
KEYWORDS
cairtean-puist
Ùisdean Mac a' Mhuilleir
beul-aithris
tìr-eòlas
pàipearan-naidheachd
dealbhan
Hugh Miller

Chithear dealbh den eòlaiche-chreagan, agus eòlaiche beul-aithris Ùisdean Mac a' Mhuilleir air a' chairt-phuist seo.

Rugadh e ann an Cromba ann an 1802. 'S e maighstir soithich a bh' ann an athair Ùisdein Mhic a' Mhuilleir agus chailleadh aig muir e ann an 1807. Chaidh am balach a thogail le a mhàthair agus le bràithrean a phàrantan. Bha Ùisdean toinisgeil agus math air leughadh, ach caran fada na cheann fhèin agus b' fheàrr leis a bhith a' coiseachd gu socair air an tràigh far an do ghabh e ùidh an toiseach ann an creag-eòlas. Às dèidh connspaid leis a' mhaighstir-sgoile, dh'fhàg e an sgoil agus chaidh e a dh' obair na chlachair ann an Dùn Èideann, ach rinn an stùr cron air a sgamhain. Thill e a Chromba gu bhith na chlachair chlachan-uaghach agus thòisich e air artaigilean a sgrìobhadh don Inverness Courier agus do phàipearan eile.

Ann an 1830 lorg Mac a' Mhuilleir fosail èisg san t-seann chlach-ghainmhich ann an Cromba agus ghluais a ùidh ann an creag-eòlas gu bhith na sgrùdadh cudromach.

Ann an 1834 thòisich e ag obair sa Bhanca Mhalairteach ann an Cromba na fhear-cunntais agus phòs e Lydia Falconer Fhriseal. Bha còignear chloinne aca. Bhàsaich a' chiad tè, Ealasaid, na pàiste. 'S e an sgrìobhadair Harriet Miller Davidson a bha san nighean a bu shine aca.

Fo bhuaidh a mhàthar, bha Mac a' Mhuilleir riamh fìor dhèidheil air eachdraidh is dualchas an àite agus chaidh a' chiad leabhar, "Scenes and Legends of the North of Scotland" a chlò-bhualadh ann an 1839.

Bha ùidh aig Mac a' Mhuilleir ann an gnothaichean na h-Eaglais agus bha e den bheachd gun robh còir aig Eaglais na h-Alba a bhith comasach air na ministearan aice fhèin a thaghadh gun ghnothach aig na h-uachdarain ris a' chùis. Thug am beachd seo Ùisdean gu aire nan soisgeulaichean a b' ainmeile agus chaidh iarraidh air pàipear ùr soisgeulach den ainm 'the Witness' a dheasachadh. Ghluais e le theaghlach a Dhùn Èideann gus an dreuchd seo a leantainn agus às dèidh sin bha e na fhear-seilbh air a' phàipear. Bha Mac a' Mhuilleir na fhear-aghaidh air Briseadh na h-Eaglaise nuair a dh'fhàg na soisgeulaich Eaglais na h-Alba gus an Eaglais Shaor a chur air bhonn.

Chùm Mac a' Mhuilleir air, a' sgrìobhadh is a' clò-bhualadh leabhraichean air saidheans nàdair agus creag-eòlas, gu sònraichte "The Old Red Sandstone" a bharrachd air fèin-eachdraidh "My Schools and Schoolmasters".

Bha smaointean ùra mu thighinn gu bith tro mhean-fhas (evolution) a' cur dragh air Mac a' Mhuilleir ach dh'fheuch e ri còrdadh a lorg eadar saidheans is creideamh. Bhiodh e ag obair cus agus cha robh e gu leòr am measg dhaoine eile. Thog an tinneas sgamhain ceann a-rithist agus bhiodh e a' fulang le trom-inntinn tric, 's dòcha mar thoradh air trioblaidean eanchainn. Mu dheireadh san oidhche am 23mh / 24mh Dùbhlachd 1856, sa bheachd gu robh e a' dol às a chiall, chuir e làmh air a bheatha fhèin le gunna. Chaidh a thìodhlacadh aig Cladh a' Ghrange an Dùn Èideann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ùisdean Mac a' Mhuilleir

ROS: Crombaidh

cairtean-puist; Ùisdean Mac a' Mhuilleir; beul-aithris; tìr-eòlas; pàipearan-naidheachd; dealbhan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards