Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Ùisdean M Friseal mu sgoil aig àm an Dàrna Cogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF05_TRACK06_FRASER
ÀITE
Allt Dobhraig
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Dubhras
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Hugh M. Fraser
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3224
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
sgoiltean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha spòrs gu leòr aig Ùisdean M Friseal san sgoil an Allt Dobharaidh aig àm an Dàrna Cogaidh.

Co ris a bha an sgoil coltach rè a' chogaidh?

Uill, chuala sinn beagan mu dheidhinn mar tha. Bha mi dìreach a' smaoineachadh an-diugh, mus tàinig mi an seo, bha mi a' feuchainn ri cuimhneachadh de seòrsa solais a bh' againn agus thàinig mi dhan cho-dhunadh nach robh solais sam bith san sgoil. Bha dubhan a' crochadh bho mheadhan a' mhullaich san rùm mhòr ach chan eil cuimhn' agam a-riamh air lampaichean no rud sam bith. Mar sin sa gheamhradh, tha mi den bheachd gun tàinig sinn dhan sgoil aig lethuair an deidh naoi agus gu dearbh, bha rud againn dhen ainm Tìde Samhraidh Dùbailte (Double Summer Time) air sgàth gun cleachdadh sinn solas an là cho math 's a b' urrainn. Ach cha robh dealan tron sgìre gu lèir aig an àm ud. Agus is dòcha gu bheil cuimhn' agaibh nuair a thàinig an dealan troimhe an-toiseach, cha d' fhuair sinn uile e, ach tha fios agam gu robh dealan againn aig an taigh roimhe, 's ann sna 50an a bha sin.

Choisich sinn trì mìle dhachaigh agus cha robh taigh sam bith air an rathad ann. Bha sinn eòlach air na craobhan a b' fheàrr far an gabhadh sinn fasgadh nuair a bhiodh e fliuch. Agus 's e an t-aon rud a chumadh a-staigh sinn an cur is cabhadh nuair a bhiodh an sneachd a' sèideadh gu dian. A' mhadainn a bu fhliuiche, thogadh sinn oirnn agus choisicheadh sinn na trì mìltean dhan sgoil agus uaireannan bhiodh ar còta no seacaid a' crochadh san trannsa san sgoil agus bha an còrr dhiot bog fliuch. Cha robh tarmac sam bith san raon-chluiche. Cha robh fasgadh ann nuair ruigeadh tu an sgoil. Chaidh am mullach fasgaidh a tha a-muigh an sin a thogail nuair a bha mise san sgoil ann an Allt Dobharaidh, agus, nuair a bhiodh sinn dìreach a' tighinn a-steach, bha mi a' cur cuimhn' air na daoine eile an-dràsta, bhiodh sinn - leis an iarainn sgreangail, corrugated - a' tarraing ar n-ìnean sìos air. Agus ma tha thu ga dhèanamh thu fhèin chan eil an fhuaim cho dona, ach tha an sgriach a' toirt air falt a h-uile duine eile seasamh an àirde. Agus bha tòrr spòrs ann san dòigh sin. Tha cuimhn' agam, tron chogadh, lorg cuideigin lasan, 'flare', shuas dìreach air iomall na coille an siud. Bha coltas boma-teine no incendiary bomb air. Ach rè a' chogaidh cuideachd san sgoil bha postairean mòra air a' bhalla a' sealltainn dhut an diofar sheòrsa de bhoma is rudan; nan lorgadh tu gin dhiubh dh'fheumadh tu cunntas a thoirt seachad sa bhad agus gun a bhith a' beantainn dhaibh.

Mar sin, bha e cuideachd, bha pìos den rùm mhòr air a chòmhdach dheth agus bha plaideachan agus stòras - briosgaidean is rudan mar sin - air an stòradh an sin a chionns, can, nan dèidheadh Inbhir Nis a bhomadh 's e bun-ionad a bhiodh ann far am faodadh daoine tighinn gus am faigheadh iad plaideachan no biadh èiginneach no fiù 's cadal. Agus tha cuimhn' agam gu robh cearcan aig Mgr Caimbeul a bha air feadh an àite agus corra-uair as t-samhradh, nuair a bhiodh an doras fosgailte, thigeadh cearc a-steach air a socair, agus mur a faiceadh duine i, dhèidheadh i air cùl a' chòmhdaich agus a-steach dha na plaideachan far am beireadh i ugh. Agus tha fhios nuair a bhios cearc a' breith tha i a' dèanamh fuaim uabhasach agus chanadh Mgr Caimbeul, 'Cuir a-mach a' chearc sin!' Dh'fheumadh cuideigin a dhol gus a' chearc a ruith a-mach. Mar sin bha tòrr spòrs againn cuideachd ged 's e àm cogaidh a bh' ann.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Allt Dobhraig.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Ùisdean M Friseal mu sgoil aig àm an Dàrna Cogaidh

INBHIR NIS: Dubhras

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; sgoiltean; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)