Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Talla a' Bhaile agus Institiùd Ùisdein Mhic a' Mhuilleir, Cromba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0333_AT
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
32240
KEYWORDS
comharraidhean-armachd
leabharlann
cùirt
gleoc
tallannan
talla
Town Hall and Hugh Miller Institute, Cromarty

Chaidh Talla a' Bhaile no Taigh na Cùirte, air a bheil tùr na sheasamh a-mach agus cupola ochd-thaobhach le cuach-mhullach, a thogail eadar 1770 is 1783. Ged a thàinig airgead eile o Choimiseanairean nan Oighreachdan Ceangailte, chaidh a phàigheadh le Seòras Ros o Phitkerrie, a cheannaich Oighreachd Chrombaigh ann an 1767 agus a rinn leasachadh air a' bhaile. Chaidh an gleoc a dhèanamh le Iain Ros à Baile Dhubhthaich agus 's ann à long Spàinneach a thàinig an clag, o 1778, a tha am broinn na tùir.

Sna 1840an chaidh cìlltean ùra a chur ris a' phrìosan agus chaidh siostam teothachaidh is gaothrachaidh a chur ann. Cha deach atharrachadh a dhèanamh air rùm na cùirte o mheadhan an naoidheamh linn deug. Chaidh Taigh Cùirte Chrombaigh ùrachadh an 1990 agus dh'fhosgladh e na thaigh-tasgaidh air a ruith le Urras sgìreil.

'S ann ann an Institiùd Ùisdean Mac a' Mhuilleir, a chaidh a dhealbhadh le ailtirean Ros is MacBheatha, a tha an leabhar-lann poblach. Chaidh a thogail an 1903-4 le airgead bho Urras Charnegie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Talla a' Bhaile agus Institiùd Ùisdein Mhic a' Mhuilleir, Cromba

ROS: Crombaidh

2000an

comharraidhean-armachd; leabharlann; cùirt; gleoc; tallannan; talla

Am Baile

Chaidh Talla a' Bhaile no Taigh na Cùirte, air a bheil tùr na sheasamh a-mach agus cupola ochd-thaobhach le cuach-mhullach, a thogail eadar 1770 is 1783. Ged a thàinig airgead eile o Choimiseanairean nan Oighreachdan Ceangailte, chaidh a phàigheadh le Seòras Ros o Phitkerrie, a cheannaich Oighreachd Chrombaigh ann an 1767 agus a rinn leasachadh air a' bhaile. Chaidh an gleoc a dhèanamh le Iain Ros à Baile Dhubhthaich agus 's ann à long Spàinneach a thàinig an clag, o 1778, a tha am broinn na tùir.<br /> <br /> Sna 1840an chaidh cìlltean ùra a chur ris a' phrìosan agus chaidh siostam teothachaidh is gaothrachaidh a chur ann. Cha deach atharrachadh a dhèanamh air rùm na cùirte o mheadhan an naoidheamh linn deug. Chaidh Taigh Cùirte Chrombaigh ùrachadh an 1990 agus dh'fhosgladh e na thaigh-tasgaidh air a ruith le Urras sgìreil.<br /> <br /> 'S ann ann an Institiùd Ùisdean Mac a' Mhuilleir, a chaidh a dhealbhadh le ailtirean Ros is MacBheatha, a tha an leabhar-lann poblach. Chaidh a thogail an 1903-4 le airgead bho Urras Charnegie