Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cromba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0335
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
1913
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32242
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-tasgaidh
bailtean
linneachan
Cromarty

Sa chairt-phuist seo tha sealladh air baile Chrombaigh. Air a chùlaibh chithear inntrigeadh Linne Chrombaigh air a dhìon le na maoil air a bheil Na Sùdraichean a Tuath is a Deas.

Sa mheadhan chithear tùr agus cupola ochd-thaobhach le cuach-mhullachTaigh na Cùirte, a chaidh a thogail eadar 1770 is 1783. Ged a thàinig airgead eile o Choimiseanairean nan Oighreachdan Ceangailte, chaidh a phàigheadh le Seòras Rothach o Phitkerrie, a cheannaich Oighreachd Chrombaigh ann an 1767 agus a rinn leasachadh air a' bhaile. Chaidh Taigh Cùirte Chrombaigh ùrachadh an 1990 agus dh'fhosgaileadh e na thaigh-tasgaidh air a ruith le Urras sgìreil.

Tha e air aithris gu bheil na Sùdraichean air an ainmeachadh air dà fhuamhaire a bha a' fuireach air gach maol agus a bha a' coimhead thairis air muinntir Chrombaigh. 'S e greusaichean no sùdraichean tranga a bh' annta agus bhiodh iad a' tilgeil innealan an obrach gu chèile thairis air a' chaolas.

'S e sàilean de Linne Mhoireibh a th' ann an Linne Chrombaigh. Air a cruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis, 's e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite an Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. O chionn greiseag chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cromba

ROS: Crombaidh

1910an

cairtean-puist; taighean-tasgaidh; bailtean; linneachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards