Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An cabhlach na thàmh, Cromba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0343
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32253
KEYWORDS
cairtean-puist
creag-eòlas
aiseagan
puirt
iasgach
ola
The Fleet at Rest, Cromarty Firth

Sa chairt-phuist seo chithear an cabhlach na thàmh ann an Linne Chrombaigh is beanntan Rois an Ear air a chùlaibh.

'S ann o 'bàgh crom' a tha ainm a' tighinn, agus tha e na laighe air rubha a tuath an Eilein Duibh air tràighean Linne Chrombaigh, a tha na shàilean de Linne Mhoireibh.

Ann am meadhan na deilbh chithear tùr is stìoball na bunsgoile a thogadh an 1876. Dhan taobh a deas air cùl nan craobhan chithear cuach-mhullach an taigh-sholais a chaidh a thogail ann an 1846 agus a tha na sheasamh far an robh a' chroich-crochaidh roimhe.

Aig Cromba tha caolas ann a tha na laighe eadar an t-Eilean Dubh agus Neag air tràigh Rois an Ear. Bha aiseag tarsainn air a' chaolas seo on treas linn deug nuair a bha e air an rathad mhòr a ghabhadh an luchd-siubhail air thorramh do naomh-chobhan an Naoimh Dubhthaich ann am Baile Dhubhthaich. Tha na rathaidean is na rèileannan ùra a' gabhail cùrsa eile air falbh o Chromba ach tha an t-aiseag fhathast a' dol tarsainn as t-samhradh. Cha ghabh e ach dà chàr agus 's e an t-aiseag chàraichean as lugha ann am Breatainn. Tha an tràigh ann an Neag air a leasachadh le gnìomhachas na h-ola.

Dh'fhàs Cromba timcheall air caisteal a chaidh a thogail an seo gus an luchd-torraimh a dhìon agus gus neart an Rìgh a dhaingneachadh gu Tuath. 'S e Baile Rìoghail a bh' ann gu ruig an seachdamh linn deug gus an do chosg e cus airson a chumail suas. 'S e port cudromach a bh'ann cuideachd far an robh iad a' cur gràn is iasg saillte a-null thairis agus a' toirt a-steach bathair on Roinn Eòrpa. Bha siorraidh oighreachail aig Cromba, an toiseach teaghlach Mowatt agus an uair sin teaghlach Urchardain, am fear as ainmeile dhiubh sin Sir Tòmas Urchardan. 'S e duine àraid a bh' ann agus 's e a dh'eadar-theangaich obair Rabelais, sgrìobhadair Frangach, gu Beurla. Cuideachd rinn e suas cànan uile-shaoghalach agus sgrìobh e leabhraichean neo-thuigseach air matamataig. Bha e den bheachd gum b'urrainn dha a dhol air ais le shloinneadh gu ruig Àdhamh. 'S e fìor rìoghaire a bh' ann agus a rèir aithris 's ann a bhàsaich e a' gàireachdainn nuair a chuala e gun d'fhuair an Rìgh Teàrlach II an crùn air ais.

Ann an 1767 cheannaich Seòras Ros à Pitkerie Oighreachd Chrombaigh. Rugadh esan an Ros an Ear an 1700 agus rinn e fhortan ann an Lunnainn na fhear-lagha agus na fhear-ionaid a bha a' cumail stòir agus buill-armachd dhan arm. Leag e Caisteal Chrombaigh an 1772 agus thog e aitreabh eireachdail le trannsa fon talamh do luchd-ceàird. Rinn e ath-leasachadh air a' bhaile. Thog e factaraidh cainbe, tè de na factaraidhean a bu tràithe an Alba. Chaidh cainbe a thoirt a-steach às a' Bhaltaig gus an gabhadh ròp agus aodach a dhèanamh leis. A bharrachd air sin, thog e oibrichean fa leth airson taigh-grùdaidh, mucan, tàirgnean agus còrdail agus thog e an cala ùr, Taigh na Cùirte agus eaglais do dhaoine air ùr thighinn aig an robh a' Ghàidhlig.

Bha coimhearsnachd iasgaich an seo cho fad air ais ri co-dhiù an seachdamh linn deug. Dh'fhàs iasgach an sgadain gu mòr san t-17mh agus san 18mh linn. Bha Cromba gu math beartach agus chaidh mòran de na seann taighean an ath-thogail. Ach le deireadh soirbheas an sgadain, mar a dh'fhàs na factaraidhean aig deas agus le piseach air dòighean siubhail rathaid agus rèile nach deach tro Chromba, 's ann a thòisich am baile a' dol sìos.

'S ann an Cromba a rugadh Ùisdean Mac a' Mhuilleir (1802-1856), an creag-eòlaiche, clachair, fear-naidheachd agus fear beul-aithris. An-diugh 's e taigh-tasgaidh a tha na thaigh, a tha a' dol air ais gu 1711, agus 's ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha e. Tha leabharlann aig a' bhaile a chaidh a thoirt dhaibh mar thìodhlac bhon fhear-fhialaidh Anndra Carnegie.

'S e cala domhainn nàdarra a th' ann an Linne Chrombaigh agus 's e gearastan nèibhi cudromach a bh'anns a' bhaile aig àm a' Chogaidh Mhòir is an Dara Cogaidh. Bha inntrigeadh dhan linne air a dhìon gu furasta on dà mhaol àrd, na Sùdraichean gu Tuath is gu Deas, far am faicear fhathast na dìdeanan a bha a' dìon a' chosta. O chionn greiseag chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath.

Sna 1960an bha mòran de na taighean ann an droch staid. On uair sin chaidh am baile a leasachadh agus an-diugh 's e Cromba fear de na bailtean an Alba bhon ochdamh linn deug as fheàrr air a ghleidheadh.

'S ann o Chromba a thainig ainm tè de na sgìrean mara airson ro-ìnnse na sìde do bhàtaichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An cabhlach na thàmh, Cromba

ROS: Crombaidh

cairtean-puist; creag-eòlas; aiseagan; puirt; iasgach; ola

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection