Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cala Chrombaigh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0345_AT
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
32256
KEYWORDS
iasgach
puirt
eilthireachd
nèibhi
Cromarty Harbour

Tràth san ochdamh linn deug bha Cromba na phort chudromach eadar-nàiseanta a' dèanamh malairt le Nirribhidh, an t-Suain agus an Òlaind a bharrachd air Sasainn. Thàinig fiodh, iarainn, sineabhar agus gual a-steach agus chaidh gràn is iasg saillte a-mach.

Chaidh an cala a thogail eadar 1781 is 1784 nuair a chaidh pìos ùr a chur ris a' chidhe chloiche a bh' ann an toiseach agus a chaidh cidhe ùr agus dòirlinn fasgaidh a thogail. Chaidh a phàigheadh le Seòras Ros o Phitkerrie a cheannaich Oighreachd Chrombaigh agus a rinn leasachadh air a' bhaile.

'S e port cudromach a bh' ann an Cromba agus bha e gu math beartach airson greis. Chaidh lìon no sgeinnidh a thoirt a-steach bhon Bhaltaig airson factaraidh na cainbe, a chaidh a thogail le Seòras Ros cuideachd, gus ròp agus anairt a dhèanamh.

Bha coimhearsnachd thrang iasgaich ann cuideachd a bha a' dol gu math san t-seachdamh is san ochdamh linn deug nuair a bha an sgadan pailt.

San naoidheamh linn deug sheòl eilthirich à Cromba a' dol a Chanada, dh'Aimearaga a Tuath agus a dh' Astràilia.

Ach mar a dh'fhàs rathaidean is rèileannan na b' fheàrr 's ann a dh'fhàs cudrom Chrombaigh mar phort na bu lugha.

'S e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite aig an Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. Bha cala Chrombaigh glè thrang a-rithist.

O chionn greiseag chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cala Chrombaigh

ROS: Crombaidh

2000an

iasgach; puirt; eilthireachd; nèibhi