Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Margaidh an èisg an Cromba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0346
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32257
KEYWORDS
cairtean-puist
iasgach
sgadan
Fishmarket at Cromarty

Anns a' chairt-phuist seo o thràth san fhicheadamh linn chithear margaidh an èisg ann an Cromba.

Bha coimhearsnachd iasgaich an seo cho fad air ais ri co-dhiù an seachdamh linn deug agus 's dòcha na bu tràithe na sin. Bha na daoine eadar-dhealaichte bhon a' chòrr dhen bhaile agus dualchas is dual-chainnt aca dhaibh fhèin.

B' àbhaist gum biodh bàtaichean Chrombaigh beag agus dh'fhaodadh na fir iasgach a dhèanamh faisg air an dachaigh. San t-seachdamh 's san ochdamh linn deug bha amannan beartach ann nuair a thigeadh sgaothan sgadain a-steach dhan Linne. Ach bha amannan ann cuideachd nuair nach biodh iasg idir ann agus bhiodh iad ann am fìor bhochdainn. San t-Seann Chunntas Stataistigeil ann an 1793, nuair a bha gainnead ann, dh'innis an t-Urr Raibeart Mac a' Ghobhainn cho fìor eagalach 's a bha na h-iasgairean, "the extreme timidity of the fishers" agus mhol e bàtaichean nas motha, "necessity of large boats and by going out some considerable distance down the Murray Firth; fish are caught in abundance."

Fiù 's nuair a bhiodh cùisean soirbheachail bha beatha chruaidh aca, gu h-àraid aig na boireannaich a bhiodh a' biadhadh nan dubhan, a' sgoltadh an èisg mus dinneadh iad a-steach ann am barraillean salainn iad agus cuideachd a' càradh nan lìont. Bhiodh na boireannaich fiù 's a' toirt nam fireannach a-mach dha na bàtaichean air an druim, gus an tòisicheadh iad an latha le casan tioram, agus thogadh iad ann am basgaidean an t-iasg a chaidh a ghlacadh air ais dhan tràigh o na bàtaichean aig deireadh an latha.

San naoidheamh linn deug chaidh an t-iasgach bhuaithe. A rèir Choinnich MhicRath san "Highland Doorstep" bha trì fichead bàta 's a sia ann an Cromba ann an 1897 ach sna 1930an cha robh gin ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Margaidh an èisg an Cromba

ROS: Crombaidh

cairtean-puist; iasgach; sgadan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection