Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Alasdair Mac an Tòisich mu bhomaichean a' tuiteam air Foithears
EXTERNAL ID
WD_HF06_TRACK01_MACKINTOSH
ÀITE
Foithir
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Alistair Mackintosh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3226
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
ionnsaighean adhair
ionnsaigh adhair
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig Alasdair Mac an Tòisich nuair a bha bomaichean a' tuiteam air Foithears san Dàrna Cogadh.

Agus an-toiseach, bha a h-uile rud sàmhach. Bha e dìreach mar a tha e an-dràsta, ma bhios cogadh ann, chan eil iad idir a' tighinn faisg oirnne. Ach thàinig am fear seo dha-rìribh, agus nuair a chuala iad mu bhomadh Foithears, chunnaic m' athair am plèana - 's e Dornier a bh' ann agus bha iad a' cur am 'Flying Pencil' air. 'S e plèana fada, fada a bh' ann. Thàinig e a-null, leig e ma sgaoil na bomaichean air Foithears agus rinn e dochann air an loidhne-pìoba agus tha e a' sealltainn mar a thèid - agus tha mi a' mothachadh cho glan 's a tha sibhse, a chlainn, a' bruidhinn (rud math a tha sin) - mar a chaidh mearachd a dhèanamh. Thuirt cuideigin an Inbhir Nis, 'Tha iad a' leigeil bhomaichean tuiteam air Fo--ers.' Cha do dh'fhuaimnich iad Foyers ceart - Agus fhuair an nàmhaid air falbh bhon bha daoine eile den bheachd gur e Forrais a bh'ann an àite Foithears. Mar sin, tha e glè chudromach gum bi duine a' bruidhinn glan. Ach mar a thachair, ghlac iad am plèana agus chaidh na Gearmailtich an glacadh a-muigh san Linne Mhoireach. Ach 's e droch mhearachd a bh' ann, Foithears no Forrais. Ach co-dhiù chaidh sin seachad.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Allt Dobhraig.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Alasdair Mac an Tòisich mu bhomaichean a' tuiteam air Foithears

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; ionnsaighean adhair; ionnsaigh adhair; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha cuimhn' aig Alasdair Mac an Tòisich nuair a bha bomaichean a' tuiteam air Foithears san Dàrna Cogadh.<br /> <br /> Agus an-toiseach, bha a h-uile rud sàmhach. Bha e dìreach mar a tha e an-dràsta, ma bhios cogadh ann, chan eil iad idir a' tighinn faisg oirnne. Ach thàinig am fear seo dha-rìribh, agus nuair a chuala iad mu bhomadh Foithears, chunnaic m' athair am plèana - 's e Dornier a bh' ann agus bha iad a' cur am 'Flying Pencil' air. 'S e plèana fada, fada a bh' ann. Thàinig e a-null, leig e ma sgaoil na bomaichean air Foithears agus rinn e dochann air an loidhne-pìoba agus tha e a' sealltainn mar a thèid - agus tha mi a' mothachadh cho glan 's a tha sibhse, a chlainn, a' bruidhinn (rud math a tha sin) - mar a chaidh mearachd a dhèanamh. Thuirt cuideigin an Inbhir Nis, 'Tha iad a' leigeil bhomaichean tuiteam air Fo--ers.' Cha do dh'fhuaimnich iad Foyers ceart - Agus fhuair an nàmhaid air falbh bhon bha daoine eile den bheachd gur e Forrais a bh'ann an àite Foithears. Mar sin, tha e glè chudromach gum bi duine a' bruidhinn glan. Ach mar a thachair, ghlac iad am plèana agus chaidh na Gearmailtich an glacadh a-muigh san Linne Mhoireach. Ach 's e droch mhearachd a bh' ann, Foithears no Forrais. Ach co-dhiù chaidh sin seachad. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Allt Dobhraig.