Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dhan Iar òr-dhearg, Linne Chrombaigh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0349
ÀITE
Linne Chrombaigh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32262
KEYWORDS
cairtean-puist
nèibhi
iasgach
linneachan
Into the Golden West, Cromarty Firth

Sa chairt-phuist seo tha sealladh ann de dh'fheasgair àlainn ann an Linne Chrombaigh.

'S e sàilean de Linne Mhoireibh a th' ann an Linne Chrombaigh. Tha e a' sgaradh rubha an Eilein Duibh o thir-mòr. Air a cruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis, 's e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. 'S e talamh treabhaidh torrach a tha mun cuairt air Linne Chrombaigh. Bha Cromba na mheadhan air iasgach an sgadain na latha agus bhiodh bàtaichean bathair a' tighinn 's a' falbh às dhan Roinn Eòrpa.

Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite an Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh.

Nas fhaisg air an là an-diugh chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dhan Iar òr-dhearg, Linne Chrombaigh

cairtean-puist; nèibhi; iasgach; linneachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection