Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sùdraichean Chrombaigh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0354
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
LINN
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32267
KEYWORDS
cairtean-puist
nèibhi
inneachan
linntean
famhairean
maoil
Sutors of Cromarty

Sa chairt-phuist seo o thràth san fhicheadamh linn chithear bothan ris an tràigh ann an Cromba agus Sùdraichean Chrombaigh fad air falbh.

Tha na bothain nam pàirt de bhail-iasgaich Chrombaigh. Bhiodh lìontan-iasgaich air an crochadh air pòlaichean gus an tiormachadh. Bha coimhearsnachd iasgaich an seo cho fad air ais ri co-dhiù an seachdamh linn deug agus 's dòcha na bu tràithe na sin. Bha na daoine eadar-dhealaichte bhon a' chòrr dhen bhaile agus dualchas is dual-chainnt aca dhaibh fhèin.

B' àbhaist gum biodh bàtaichean Chrombaigh beag agus dh'fhaodadh na fir iasgach a dhèanamh faisg air an dachaigh. San t-seachdamh 's san ochdamh linn deug bha amannan beartach ann nuair a thigeadh sgaothan sgadain a-steach dhan Linne. Ach bha amannan ann cuideachd nuair nach biodh iasg idir ann agus bhiodh iad ann am fìor bhochdainn. San t-Seann Chunntas Stataistigeil ann an 1793, nuair a bha gainnead ann, dh'innis an t-Urr Raibeart Mac a' Ghobhainn cho fìor eagalach 's a bha na h-iasgairean, "the extreme timidity of the fishers" agus mhol e bàtaichean nas motha, "necessity of large boats and by going out some considerable distance down the Murray Firth; fish are caught in abundance."

Fiù 's nuair a bhiodh cùisean soirbheachail bha beatha chruaidh aca, gu h-àraid aig na boireannaich a bhiodh a' biadhadh nan dubhan, a' sgoltadh an èisg mus dinneadh iad a-steach ann am barraillean salainn iad agus cuideachd a' càradh nan lìont. Bhiodh na boireannaich fiù 's a' toirt nam fireannach a-mach dha na bàtaichean air an druim, gus an tòisicheadh iad an latha le casan tioram, agus thogadh iad ann am basgaidean an t-iasg a chaidh a ghlacadh air ais dhan tràigh o na bàtaichean aig deireadh an latha.

San naoidheamh linn deug chaidh an t-iasgach bhuaithe. A rèir Choinnich MhicRath san "Highland Doorstep" bha trì fichead bàta 's a sia ann an Cromba ann an 1897 ach sna 1930an cha robh gin ann.
Tha an dà mhaol, na Sùdraichean gu Tuath is gu Deas, a' dìon doras Linne Chrombaigh.

Tha e air aithris gu bheil na Sùdraichean air an ainmeachadh air dà fhuamhaire a bha a' fuireach air gach maol agus a bha a' coimhead thairis air muinntir Chrombaigh. 'S e greusaichean no sùdraichean tranga a bh' annta agus bhiodh iad a' tilgeil innealan an obrach dha chèile thairis air a' chaolas.

'S e sàilean de Linne Mhoireibh a th' ann an Linne Chrombaigh. Air a cruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis, 's e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite an Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. Ghabhadh inntrigeadh na linne a dhìon gu furasta agus bha na Sùdraichean làn de dhaingneachdan armachd, agus chithear fhathast làraichean nan dìdeanan sin. Nas fhaisg air an là an-diugh chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sùdraichean Chrombaigh

ROS: Crombaidh

cairtean-puist; nèibhi; inneachan; linntean; famhairean; maoil

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection