Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Avril Watt mu bhomadh Lìte
EXTERNAL ID
WD_HF06_TRACK02_WATT
ÀITE
Lìte
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Avril Watt
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3227
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
ionnsaighean adhair
ionnsaigh adhair
bomadh
blitz
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha Avril Watt a' fuireach aig taigh a seanmhar nuair chaidh Lìte (Leith) a bhomadh san Dàrna Cogadh.

Ach bha aon turas ann, bha mi aig taigh mo sheanmhar ann an Dùn Èideann. Bheil fhios agad far a bheil Lìte? Docaichean mòra, dìreach a-mach à Dùn Èideann, far am biodh na bàtaichean uile a' dol a-mach 's a-steach leis na saighdearan agus le biadh dhuinne. Agus bha mise shìos an sin le mo sheanmhair nuair a chaidh Lìte a bhomadh. Agus mar chlann bha sibh a' smaoineachadh gu robh seo dìreach iongantach a chionns gum biodh na solais-lorg a' dol suas mar siud agus bhiodh iad a' dol tarsainn air a chèile, agus chitheadh tu plèana Gearmailteach am meadhan na croise sin, air a lasadh suas. An uairsin, chluinneadh tu na gunnaichean gu lèir agus chitheadh tu loidhne nam peilear a' dol suas gus a bhualadh, agus bha sinne a' smaoineachadh gu robh seo fìor sgoinneil, oir nar clainn bha e làn fiughair dhuinn. Cha robh guth air cuideigin a' dol a bhith air a mharbhadh. Bha solais mhòra is gunnaichean ann agus bha e coltach ri lasairean teine.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Avril Watt mu bhomadh Lìte

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; ionnsaighean adhair; ionnsaigh adhair; bomadh; blitz; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Bha Avril Watt a' fuireach aig taigh a seanmhar nuair chaidh Lìte (Leith) a bhomadh san Dàrna Cogadh.<br /> <br /> Ach bha aon turas ann, bha mi aig taigh mo sheanmhar ann an Dùn Èideann. Bheil fhios agad far a bheil Lìte? Docaichean mòra, dìreach a-mach à Dùn Èideann, far am biodh na bàtaichean uile a' dol a-mach 's a-steach leis na saighdearan agus le biadh dhuinne. Agus bha mise shìos an sin le mo sheanmhair nuair a chaidh Lìte a bhomadh. Agus mar chlann bha sibh a' smaoineachadh gu robh seo dìreach iongantach a chionns gum biodh na solais-lorg a' dol suas mar siud agus bhiodh iad a' dol tarsainn air a chèile, agus chitheadh tu plèana Gearmailteach am meadhan na croise sin, air a lasadh suas. An uairsin, chluinneadh tu na gunnaichean gu lèir agus chitheadh tu loidhne nam peilear a' dol suas gus a bhualadh, agus bha sinne a' smaoineachadh gu robh seo fìor sgoinneil, oir nar clainn bha e làn fiughair dhuinn. Cha robh guth air cuideigin a' dol a bhith air a mharbhadh. Bha solais mhòra is gunnaichean ann agus bha e coltach ri lasairean teine. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.