Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh o Chraobh-shlighe nam Mànas, Cromba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0359
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32272
KEYWORDS
cairtean-puist
nèibhi
linneachan
iasgach
ola
View from Mains Avenue, Cromarty

Sa chairt-phuist seo chithear sealladh air Craobh-shlighe nam Mànas no Main's, Cromba, a' coimhead thairis air Linne Chrombaigh do bheanntan Rois an Ear.

'S e sàilean de Linne Mhoireibh a th' ann an Linne Chrombaigh. Tha e a' sgaradh rubha an Eilein Duibh o thir-mòr. Air a cruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis, 's e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. 'S e talamh treabhaidh torrach a tha mun cuairt air Linne Chrombaigh. Bha Cromba na mheadhan air iasgach an sgadain na là agus bhiodh bàtaichean bathair a' tighinn 's a' falbh às dhan Roinn Eòrpa.

Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite an Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. Ghabhadh inntrigeadh na linne a dhìon gu furasta on dà mhaol, na Sùdraichean gu Tuath is gu Deas a bha làn de dhaingneachdan armachd, agus chithear fhathast làraichean nan dìdeanan sin. Nas fhaisg air an là an-diugh chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh o Chraobh-shlighe nam Mànas, Cromba

ROS: Crombaidh

1940an

cairtean-puist; nèibhi; linneachan; iasgach; ola

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection