Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' dol a-steach do Linne Chrombaigh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0360
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
1944
LINN
1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32273
KEYWORDS
cairtean-puist
nèibhi
linneachan
famhairean
Entering Cromarty Firth

Sa chairt-phuist seo o thràth san fhicheadamh linn chithear Sùdraichean Chrombaigh le bàta-cogaidh a' seòladh a-steach dhan linne agus bàtaichean beaga iasgaich air an tarraing suas air an tràigh ann an Cromba.

Tha an dà mhaol, na Sùdraichean gu Tuath is gu Deas, a' dìon doras Linne Chrombaigh.

Tha e air aithris gu bheil na Sùdraichean air an ainmeachadh air dà fhuamhaire a bha a' fuireach air gach maol agus a bha a' coimhead thairis air muinntir Chrombaigh. 'S e greusaichean no sùdraichean tranga a bh' annta agus bhiodh iad a' tilgeil innealan an obrach dha chèile thairis air a' chaolas.

'S e sàilean de Linne Mhoireibh a th' ann an Linne Chrombaigh. Air a cruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis, 's e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite an Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. Ghabhadh inntrigeadh na linne a dhìon gu furasta agus bha na Sùdraichean làn de dhaingneachdan armachd, agus chithear fhathast làraichean nan dìdeanan sin. Nas fhaisg air an là an-diugh chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' dol a-steach do Linne Chrombaigh

ROS: Crombaidh

1940an

cairtean-puist; nèibhi; linneachan; famhairean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection