Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabaidh MhicFhearchair, Cromba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0362
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32275
KEYWORDS
cairtean-puist
Ùisdean Mac a' Mhuilleir
maighdeannan-mara
bradan
bleith cladaich
McFarquhar's Bed, Cromarty

Sa chairt-phuist seo o thràth san fhicheadamh linn chithear leabaidh MhicFhearchair.

Na laighe air cost an Eilein Duibh dìreach gu deas air Cromba tha an stac mòr seo, agus am bogha eireachdail aige a chaidh a shnaidheadh a-mach le bleith na mara. 'S e stèisean iasgach an sgadain a tha san togalach. Tha lìontan air an crochadh a-muigh gus an tiormaich iad.

'S e seo an cost a bha na fhear de na cùiltean a b' fheàrr le Ùisdean Mac a' Mhuilleir, am fear-dualchais is creag-eòlaiche. Tha e air aithris gum bi maighdeannan-mara a' fuireach an seo. Tha frith-rathad fhathast ann a' tighinn sios o mhullach nan sgorran ach tha e glè thric air fàs le lusan agus gabhaidh e coiseachd air le mòr-chùram a-mhàin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabaidh MhicFhearchair, Cromba

ROS: Crombaidh

1900an

cairtean-puist; Ùisdean Mac a' Mhuilleir; maighdeannan-mara; bradan; bleith cladaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo o thràth san fhicheadamh linn chithear leabaidh MhicFhearchair.<br /> <br /> Na laighe air cost an Eilein Duibh dìreach gu deas air Cromba tha an stac mòr seo, agus am bogha eireachdail aige a chaidh a shnaidheadh a-mach le bleith na mara. 'S e stèisean iasgach an sgadain a tha san togalach. Tha lìontan air an crochadh a-muigh gus an tiormaich iad.<br /> <br /> 'S e seo an cost a bha na fhear de na cùiltean a b' fheàrr le Ùisdean Mac a' Mhuilleir, am fear-dualchais is creag-eòlaiche. Tha e air aithris gum bi maighdeannan-mara a' fuireach an seo. Tha frith-rathad fhathast ann a' tighinn sios o mhullach nan sgorran ach tha e glè thric air fàs le lusan agus gabhaidh e coiseachd air le mòr-chùram a-mhàin