Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dìobaig bhon taobh a deas
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0368
ÀITE
Dìobaig
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32281
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean-beaga
lochan
Diabaig from the South

Tha a' chairt-phuist seo à meadhan an fhicheadamh linn a' sealltainn Diabaig.

Tha am baile beag iomallach seo air cost an iar Rois is Chrombaidh. Tha togalach no dhà aig Dìobaig an Àirde agus san tuineachadh bheag aig Dìobaig air cladach loch den aon ainm a tha na bhàgh far Loch Toirbheartan.

Tha Diabaig, a tha a' ciallachadh 'bàgh domhainn' anns a' chànan Lochlannach, suidhichte air crìochan parraistean na Comraich agus Gheàrrloch. Tha an rathad singilte a tha a' tighinn à baile beag Thoirbheartan a tha ochd mìle air falbh, a' dol tro chuid den dùthaich as eireachdaile leis na seallaidhean as breàgha ann an Alba.

Chan eil baile beag Diabaig air atharrachadh mòran bhon a chaidh an dealbh seo a thogail. Chan eil bùithtean no goireasan luchd-turais ann ach 's e taighean làithean-saora a th' ann am feadhainn de na taighean a-nis.

Chaidh Diabaig a chleachdadh mar àite airson a' bhaile bhig ann am film ann an 1995 'Loch Ness' agus tha seallaidhean bhon rathad ri faicinn anns an fhilm.

Tha an rathad a' crìochnachadh aig Diabaig ach tha frith-rathad a' dol gu Creag a tha dà mhìle air falbh far a bheil ostail bheag agus an uair sin coig mìle nas fhaide air adhart tha An Rubha Dearg. Tha 45 mìle eadar Diabaig agus An Rubha Dearg a' siubhal air an rathad

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dìobaig bhon taobh a deas

ROS: A' Chomraich

1940an; 1950an

cairtean-puist; bailtean-beaga; lochan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection