Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0370
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32284
KEYWORDS
cairtean-puist
caistealan
Lochlannaich
Tulloch Castle, Dingwall

Tha a' chairt-phuist seo à 1904 a' sealltainn Caisteal Thulaich.

Tha Caisteal Thulaich mu mhìle taobh tuath Inbhir Pheofharain, air taobh tuath Caolas Chrombaidh. 'S ann on a' Ghàidhlig 'tullach' a tha Tulloch a' ciallachadh 'cnocan'.

'S dòcha gun robh àite daingeann aig na Lochlannaich an seo agus gu bheil obair às an dara linn deug mar phàirt den tùr a chaidh a thogail le Donnchadh Bàn ann an 1542. Chaidh caisteal a thogail air an tùr anns an t-seachdamh linn deug. Chaidh an caisteal a reic ri Clann Mhic Dhàibhidh ann an 1762. Chaidh a leudachadh ann an 1891 agus a-rithist ann an 1920-2.

B' e 'An Damh' am farainm a bh' air Donnchadh MacDhàibhidh, an ceathramh uachdaran. Rugadh e ann an 1800 agus b' esan am Ball-Pàrlamaid airson Cromba ann an 1826 agus bha a' Bhan-righinn Bhioctoria measail air. Bha còignear mhnathan aige agus ochd deug duine cloinne agus trithead eile air a' char as lugha a bha dìolain. Thathar ag ràdh gun do ruith aon de na nigheanan aige air falbh an dèidh dhi a h-athair fhaicinn còmhla ri boireannach eile. Thuit I sìos an staidhre agus chaidh a marbhadh. 'S dòcha gur ise an 'Green Lady' a thathar ag ràdh a bhios ri faicinn anns a' chaisteal.

Chaochail am fear mu dheireadh de shliochd MhicDhàibhidh ann an 1917. Chaidh an caisteal a chleachdadh mar ospadal anns an Dara Cogadh. Chaidh a ghabhail thairis le Comhairle na Gàidhealtachd agus chaidh a chleachdadh mar ostail do Àrd Sgoil Inbhir Pheofharain. Tha e air a bhith na thaigh-òsta bho 1996

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1910an

cairtean-puist; caistealan; Lochlannaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection