Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Double Scotch' à Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0371
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32286
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean
taighean-òsta
caistealan
beanntan
dùin
caolais
A Double Scotch from Dingwall

Tha a' chairt-phuist seo bho thràth anns an fhicheadamh linn a' sealltainn ceithir seallaidhean timcheall air Inbhir Pheofharain; an Taigh-òsta Nàiseanta le sealladh a dh'ionnsaigh Bheinn Uais, Inbhir Pheofharain agus Caolas Chrombaidh agus Cnoc Fearralaidh.

Chaidh an Taigh-òsta Nàiseanta a thogail air taobh tuath na Prìomh Shràid ann an Inbhir Pheofharain ann an 1858.

Tha prìomh bhaile Rois 's Chrombaidh, Inbhir Pheofharain aig ceann Caolas Chrombaidh. Thathar a' creidsinn gun do rugadh MacBeth anns a' chaisteal an seo ann an 1005. B' e Thorfin cumhachdach a stèidhich an "cathair a' cheartais" aige no "thing vollr" air Cnoc Gorm gu taobh an iar a' bhaile agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm Inbhir Pheofharain. B' e mac nighean an Rìgh Calum II agus Sigurd Ghallaibh a bha aig Rìghrean Nirribhidh, a bh' ann an Thorfin. Dh'fhàs an caisteal gu bhith na mheadhan laghail agus sòisealta fo Thorfin agus thug e mòran Lochlannach a dh'fhuireach an seo. 'S ann on aonamh linn deug a tha am baile.

Chrìon Inbhir Pheofharain anns an t-seachdamh linn deug agus chaidh an caisteal a leagail ann an 1818. Thàinig piseach air gnothaichean nuair a thog Tòmas Telford acarsaid. Chaidh canàl a thogail cuideachd ach gu luath stadar ga chleachdadh. Thàinig barrachd beartais don bhaile nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1862. Dh'fhàs am baile mar bhaile margaid agus bha e na mheadhan airson àiteachas le margaid bheathaichean cunabhalach.

'S e Beinn Uais aig 3430 troigh a dh'àirde a' bheinn as àirde agus as motha ann an taobh an ear na h-Alba tuath air Inbhir Nis. 'S dòcha gur ann bhon a' Ghàidhlig 'fuathais' a tha an t-ainm Uais aig a bheil iomadh ciall - uabhasach, àrd, uasal agus uamhalta. Tha iad uile fìor mun bheinn seo. Bidh sneachd na laighe airson iomadh mhios anns na coireachan an ear agus nuair a bha am fearann aig a' Clann MhicCoinnich bhon Rìgh b' ann leothasan a bha e cho fad 's gum b' urrainn dhaibh ball-sneachda fhaighinn nuair a dh'iarraist e.

'S e cnoc ann an cumadh còn air a bheil seann dùn bho Linn nan Cruithneach a chaidh a leaghadh le teine a th' ann an Cnoc Fearralaidh. 'S dòcha gun robh e na dhaingeachd aig an Rìgh Brude. Tha e na mhullach air cnoc ris an canar Druim a' Chait agus tha seallaidhean eireachdail bhuaithe cho fada ri Creag Phàdraig faisg air Inbhir Nis agus an Sùdar a Tuath far Chrombaidh.

Chaidh na baidealan a losgadh le teine aig teas cho àrd 's gu bheil iad air ceangal ri chèile ann an cnap le coltas glainne orra ann an dùn den t-seòrsa seo. 'S dòcha gun robh an teine air a chur ris mar thubaist no a dh'aon ghnothach gus neart a thoirt do na ballachan no dh'fhaodadh gun do thachair e air sgàth cogaidh.

Tha Caolas Chrombaidh na chuid fasgach de Chaolas Mhoireibh a bhios a' sgaradh an Eilein Duibh bho thìr-mòr. 'S e acarsaid domhainn nàdarrach a th' ann agus chaidh a chruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis. Tha an caolas air a chuairteachadh le fearann àiteachais torrach. Bha e trang agus cudromach mar àite airson iasgach an sgadain agus anns na làithean mòra aige bha e a' dèanamh malairt ri mòr-thìr na Roinn Eòrpa.

Bha Caolas Chrombaidh na ionad aig an nèibhi ann an 1912 agus 's e acarsaid sàbhailte a bh' ann do bhàtaichean-cogaidh anns an dà Chogadh Mhòr. Bho chionn ghoirid thathar air Caolas Chrombaidh a chleachdadh ann a bhith a' togail agus a' càradh chlàran-ola a bharrachd air a bhith a' toirt àite dhaibh nuair nach robh feum orra

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Double Scotch' à Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1930an

cairtean-puist; bailtean; taighean-òsta; caistealan; beanntan; dùin; caolais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection