Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh bho Chàrn-cuimhne an Dòmhnallaich, Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0373
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32287
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean
eaglaisean
caistealan
acarsaidean
canàlaichean
caolais
View from MacDonald Memorial, Dingwall

Tha a' chairt-phuist seo de Chàrn-cuimhne an Dòmhnallaich, Inbhir Pheofharain le Caolas Chrombaidh anns a' chùl bho thràth anns an fhicheadamh linn.

Tha an Eaglais Shaor anns a' mheadhan a chaidh a dhealbhadh leis an ailtire Iain Rhind agus a chaidh a thogail eadar 1867 agus 1870. Tha uinneag mhòr ròis anns a' cheann a deas.

'S e Cùirt an t-Siorraim ann an Rathad na h-Aiseig a th' anns an togalach mhòr chun na làimh dheis. Chaidh a dhealbhachadh ann an stoidhle Tudorach le Tòmas Mac GilleDhuinn agus chaidh a thogail eadar 1842 agus 1845. Tha an t-ainm Rathad na h-Aiseig ceangailte ri aiseag do luchd-coiseachd a bha a' ruith nuair a bha am muir-làn ann eadar Inbhir Pheofharain agus An Tòiseachd anns an Eilean Dubh.

Tha Sràid a' Chnuic air an làimh chlì den dealbh agus far a bheil e a' gearradh tron Phrìomh Shràid, chithear an Taigh-òsta Nàiseanta a chaidh a thogail ann an 1858.

'S e prìomh bhaile Rois 's Chrombaidh a th' ann an Inbhir Pheofharain. Tha e aig ceann Caolas Chrombaidh aig beul Abhainn Pheofharain. 'S e Inbhir Pheofharain a th' air anns a' Ghàidhlig ach suas gu 500 AD bha beul na h-aibhne na b' fhaisge air Srath Pheofhair a tha 5 mìle chun an iar agus b' e fèith fo bhuaidh an làin a bh' anns an àite far a bheil Inbhir Pheofharain an-diugh. B' ann aig deireadh a' chòigeamh linn, nuair a lìon an beul-aibhne agus dh'fhàs am poll cruaidh gu leòr, a b' urrainn do dhaoine taighean a thogail.

Bha eaglais aig na Culdees, seann treubh Mhanaich, an seo. B' e na Maoir mhòra a bha nan riochdairean aig an Rìgh a bha os cionn Rois aig an àm. Cha mhòr nach eil cinnt ann gun do thog iad daingneachd an seo. Thathar a' creidsinn gun do rugadh MacBeth anns a' chaisteal an seo ann an 1005 agus bha esan na Mhaor Mòr Rois airson greis bheag.

B' e na Lochlannaich a bha a' riaghladh Rois aig an àm. B' e Thorfin cumhachdach a stèidhich an "cathair a' cheartais" aige no "thing vollr" air Cnoc Gorm gu taobh an iar a' bhaile agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm Inbhir Pheofharain. B' e mac nighean an Rìgh Calum II agus Sigurd Ghallaibh a bha aig Rìghrean Nirribhidh, a bh' ann an Thorfin. Dh'fhàs an caisteal gu bhith na mheadhan laghail agus sòisealta fo Thorfin agus thug e mòran Lochlannach a dh'fhuireach an seo. 'S ann on aonamh linn deug a tha am baile.

Rinn Alexander II Inbhir Pheofharain mar bhaile rìoghail ann an 1227. B' ann aig an àm seo a dh'fhàs cumhachd Iarlan Rois, aon de na teaghlaichean a bu chumhachdaiche ann an Alba airson dà cheud bliadhna. Cha b' e a' mhòr-chuid de Ros a-mhàin a bh' aca ach bha feadhainn de na h-oighreachdan bu motha ann an Alba aca cuideachd. Ach bha Iain, an t-Iarla mu dheireadh, an sàs ann an gnothach gus an cathair-rìoghail a thrasgairt. Cha do dh'obraich sin agus chaidh an tiotal air ais don Chrùn. Bhon uair sin, b' ann aig dara mac an Rìgh no na Bànrigh a bha an tiotal Iarla Rois.

Chaidh an caisteal a thrèigsinn anns an t-seachdamh linn deug agus chaidh e na thobhta. Chaidh a leagail ann an 1818. Chaidh feadhainn de na clachan a chleachdadh gus 'doocot' a thogail faisg air an làraich a tha fhathast ann an-diugh.

Chrìon Inbhir Pheofharain anns an t-seachdamh linn deug. Cha robh gnìomhachas ann ach dèanamh anairt a thàinig don bhaile ann an 1760. Thàinig piseach air gnothaichean ann an 1817 nuair a thog Tòmas Telford acarsaid. Chaidh canàl a thogail cuideachd gus soithichean nas motha a thoirt a-steach ach ged a stadar ga chleachdadh gu luath tha cuairt thaitneach ann fhathast air na bruaichean. Thàinig barrachd beartais don bhaile nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1862. Dh'fhàs am baile mar bhaile margaid agus bha e na mheadhan airson àiteachas le margaid bheathaichean cunabhalach.

Tha Caolas Chrombaidh na chuid fasgach de Chaolas Mhoireibh a bhios a' sgaradh an Eilein Duibh bho thìr-mòr. 'S e acarsaid domhainn nàdarrach a th' ann agus chaidh a chruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis. Tha an caolas air a chuairteachadh le fearann àiteachais torrach. Bha e trang agus cudromach mar àite airson iasgach an sgadain agus anns na làithean mòra aige bha e a' dèanamh malairt ri mòr-thìr na Roinn Eòrpa.

Bha Caolas Chrombaidh na ionad aig an nèibhi ann an 1912 agus 's e acarsaid sàbhailte a bh' ann do bhàtaichean-cogaidh anns an dà Chogadh Mhòr. Bho chionn ghoirid thathar air Caolas Chrombaidh a chleachdadh ann a bhith a' togail agus a' càradh chlàran-ola a bharrachd air a bhith a' toirt àite dhaibh nuair nach robh feum orra

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh bho Chàrn-cuimhne an Dòmhnallaich, Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1920an; 1930an

cairtean-puist; bailtean; eaglaisean; caistealan; acarsaidean; canàlaichean; caolais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection