Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Pheofharain agus Caolas Chrombaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0375
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
1956
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32289
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean
eaglaisean
caistealan
acarsaidean
canàlaichean
caolais
Dingwall and the Cromarty Firth

Tha a' chairt-phuist seo à 1956 a' sealltainn Inbhir Pheofharain agus Caolas Chrombaidh

Tha an Eaglais Shaor chun na làimh dheis a chaidh a dhealbhadh leis an ailtire Iain Rhind agus a chaidh a thogail eadar 1867 agus 1870. Tha uinneag mhòr ròis anns a' cheann a deas.

Tha Sràid a' Chnuic air an làimh chlì meadhan na deilbh agus far a bheil e a' gearradh a' Phriomh Shràid, chithear an Taigh-òsta Nàiseanta a chaidh a thogail ann an 1858.

'S e prìomh bhaile Rois 's Chrombaidh a th' ann an Inbhir Pheofharain. Tha e aig ceann Caolas Chrombaidh aig beul Abhainn Pheofharain. 'S e Inbhir Pheofharain a th' air anns a' Ghàidhlig ach suas gu 500 AD bha beul na h-aibhne na b' fhaisge air Srath Pheofhair a tha 5 mìle chun an iar agus b' e fèith fo bhuaidh an làin a bh' anns an àite far a bheil Inbhir Pheofharain an-diugh. B' ann aig deireadh a' chòigeamh linn, nuair a lìon an beul-aibhne agus dh'fhàs am poll cruaidh gu leòr, a b' urrainn do dhaoine taighean a thogail.

Bha eaglais aig na Culdees, seann treubh Mhanaich, an seo. B' e na Maoir mhòra a bha nan riochdairean aig an Rìgh a bha os cionn Rois aig an àm. Cha mhòr nach eil cinnt ann gun do thog iad daingneachd an seo. Thathar a' creidsinn gun do rugadh MacBeth anns a' chaisteal an seo ann an 1005 agus bha esan na Mhaor Mòr Rois airson greis bheag.

B' e na Lochlannaich a bha a' riaghladh Rois aig an àm. B' e Thorfin cumhachdach a stèidhich an "cathair a' cheartais" aige no "thing vollr" air Cnoc Gorm gu taobh an iar a' bhaile agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm Inbhir Pheofharain. B' e mac nighean an Rìgh Calum II agus Sigurd Ghallaibh a bha aig Rìghrean Nirribhidh, a bh' ann an Thorfin. Dh'fhàs an caisteal gu bhith na mheadhan laghail agus sòisealta fo Thorfin agus thug e mòran Lochlannach a dh'fhuireach an seo. 'S ann on aonamh linn deug a tha am baile.

Rinn Alexander II Inbhir Pheofharain mar bhaile rìoghail ann an 1227. B' ann aig an àm seo a dh'fhàs cumhachd Iarlan Rois, aon de na teaghlaichean a bu chumhachdaiche ann an Alba airson dà cheud bliadhna. Cha b' e a' mhòr-chuid de Ros a-mhàin a bh' aca ach bha feadhainn de na h-oighreachdan bu motha ann an Alba aca cuideachd. Ach bha Iain, an t-Iarla mu dheireadh, an sàs ann an gnothach gus an cathair-rìoghail a thrasgairt. Cha do dh'obraich sin agus chaidh an tiotal air ais don Chrùn. Bhon uair sin, b' ann aig dara mac an Rìgh no na Bànrigh a bha an tiotal Iarla Rois.

Chaidh an caisteal a thrèigsinn anns an t-seachdamh linn deug agus chaidh e na thobhta. Chaidh a leagail ann an 1818. Chaidh feadhainn de na clachan a chleachdadh gus 'doocot' a thogail faisg air an làraich a tha fhathast ann an-diugh.

Chrìon Inbhir Pheofharain anns an t-seachdamh linn deug. Cha robh gnìomhachas ann ach dèanamh anairt a thàinig don bhaile ann an 1760. Thàinig piseach air gnothaichean ann an 1817 nuair a thog Tòmas Telford acarsaid. Chaidh canàl a thogail cuideachd gus soithichean nas motha a thoirt a-steach ach ged a stadar ga chleachdadh gu luath tha cuairt thaitneach ann fhathast air na bruaichean. Thàinig barrachd beartais don bhaile nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1862. Dh'fhàs am baile mar bhaile margaid agus bha e na mheadhan airson àiteachas le margaid bheathaichean cunabhalach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Pheofharain agus Caolas Chrombaidh

ROS: Inbhir Pheofharain

1950an

cairtean-puist; bailtean; eaglaisean; caistealan; acarsaidean; canàlaichean; caolais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection