Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Peigi Spence mu ionnsaighean air a' Ghearastan
EXTERNAL ID
WD_HF06_TRACK03_SPENCE
ÀITE
An Gearasdan
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Peggy Spence
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3229
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
ionnsaighean adhair
ionnsaigh adhair
bomadh
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig Peigi Spence gu robh droch ghreiseagan ann don Ghearastan san Dàrna Cogadh.

O tha cuimhn' agam air aon là nuair a bha mi 'g obair agus bha agam ri dhol dhan Ghearastan - bha mi ann bhon bha mi 'g obair air na busaichean agus bha plèanaichean Gearmailteach a' dol thairis air a' Ghearastan gu cunbhalach bhon bha bun-ionad an Nèibhidh ann. Agus bha sinne - aig an àm ud bha stèisean nam busaichean shìos far an robh an seann stèisean-rèile - agus bha sinn uile nar seasamh an sin agus thàinig am plèana seachad. Agus cealadeug roimhe sin bha plèana Gearmailteach ann a chaidh suas an t-Sràid Àrd a' bualadh le pheilearan ach gu fortanach cha d' fhuair e duine ach bhris e an t-uabhas de dh'uinneagan nam bùthan. Ach thàinig am fear seo thairis agus bha e ag itealaich gu math ìseal - 'eil fhios agad far a bheil Taigh-bìdh an 'Crannoch' an-diugh? Uill, sgèith e thairis air sin a chionns gur e bùth-obrach an nèibhidh a bh' ann agus sgèith e tarsainn agus bha e a' crathadh a sgarfa ruinn timcheall ann an cearcall, dìreach gus fios a leigeil thugainn nach robh e 'dol a dhèanamh cron oirnn agus chum e air suas tron Gleann Mhòr.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Peigi Spence mu ionnsaighean air a' Ghearastan

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; ionnsaighean adhair; ionnsaigh adhair; bomadh; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha cuimhn' aig Peigi Spence gu robh droch ghreiseagan ann don Ghearastan san Dàrna Cogadh.<br /> <br /> O tha cuimhn' agam air aon là nuair a bha mi 'g obair agus bha agam ri dhol dhan Ghearastan - bha mi ann bhon bha mi 'g obair air na busaichean agus bha plèanaichean Gearmailteach a' dol thairis air a' Ghearastan gu cunbhalach bhon bha bun-ionad an Nèibhidh ann. Agus bha sinne - aig an àm ud bha stèisean nam busaichean shìos far an robh an seann stèisean-rèile - agus bha sinn uile nar seasamh an sin agus thàinig am plèana seachad. Agus cealadeug roimhe sin bha plèana Gearmailteach ann a chaidh suas an t-Sràid Àrd a' bualadh le pheilearan ach gu fortanach cha d' fhuair e duine ach bhris e an t-uabhas de dh'uinneagan nam bùthan. Ach thàinig am fear seo thairis agus bha e ag itealaich gu math ìseal - 'eil fhios agad far a bheil Taigh-bìdh an 'Crannoch' an-diugh? Uill, sgèith e thairis air sin a chionns gur e bùth-obrach an nèibhidh a bh' ann agus sgèith e tarsainn agus bha e a' crathadh a sgarfa ruinn timcheall ann an cearcall, dìreach gus fios a leigeil thugainn nach robh e 'dol a dhèanamh cron oirnn agus chum e air suas tron Gleann Mhòr. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.