Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0377
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
LINN
1960an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32292
KEYWORDS
cairtean-puist
leth-eileanan
beanntan
bailtean
càrn-cuimhne
gaisgich
Dingwall

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Inbhir Pheofharain le Caolas Chrombaidh agus an t-Eilean Dubh. Tha Cnoc Mhitchell agus Càrn-cuimhne an Dòmhnallaich air an làimh dheis. Tha am Monadh Liath ri fhaicinn air fàire gu deas.

Tha prìomh bhaile Rois 's Chrombaidh, Inbhir Pheofharain, aig ceann Caolas Chrombaidh. Thathar a' creidsinn gun do rugadh MacBeth anns a' chaisteal an seo ann an 1005. Stèidhich an ceannard Lochlannach Thorfin an "cathair a' cheartais"aige no "thing vollr" an seo agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm Inbhir Pheofharain. Rinn Alexander II Inbhir Pheofharain mar bhaile rìoghail ann an 1227. Bha Iarlan Rois a' riaghladh an seo gus a' chòigeamh linn deug nuair nach do rinn an t-Iarla mu dheireadh an gnothach air an cathair-rìoghail a thrasgairt agus chaidh an tiotal air ais don Chrùn.

Chrìon Inbhir Pheofharain anns an t-seachdamh linn deug agus chaidh an caisteal a leagail ann an 1818. Thàinig piseach air gnothaichean nuair a thog Tòmas Telford acarsaid. Chaidh canàl a thogail cuideachd ach gu luath stadar ga chleachdadh. Thàinig barrachd beartais don bhaile nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1862. Dh'fhàs am baile mar bhaile margaid agus bha e na mheadhan airson àiteachas le margaid bheathaichean cunabhalach.

Chan e eilean a th' anns an Eilean Dubh ach leth-eilean eadar Caolas na Manachainn agus Caolas Chrombaidh. 'S e Ardmeanach a bh' air aig aon àm agus 's dòcha gun d'fhuair e an t-ainm An t-Eilean Dubh air sgàth 's gu bheil e cho iosal agus 's ann ainneamh a bhios sneachd na laighe air. Tha am fearann torrach dubh an comeas ri geal a' gheamhraidh air na beanntan mun cuairt.

'S ann as dèidh Iain Mitchell a bha na phrobhaist ann an Inbhir Pheofharain a tha Cnoc Mhitchell air ainmeachadh. Air a' mhullach tha an càrn-cuimhne eireachdail don Mhàidsear-Seanalair an Ridire Eachann Dòmhnallach a bha na mhac aig croitear agus a chaidh dhan arm far an do dh'èirich e suas ann an dòigh nach fhacar riamh roimhe. Fhuair e urram airson cho math 's a bha e na shaighdear ann an Afganastan, Afraga a Deas, Na h-Innseachan agus Sudan agus bha e ainmeilagus na ghaisgeach nàiseanta agus fhuair e am farainm 'Eachann nan Cath'. Chaidh a dhèanamh na Ridire ann an 1901 ach chaidh droch chasaidean a thogail na aghaidh. An dèidh dha droch aithrisean a leughadh mu dheidhinn fhèin anns na pàipearan, chuir e às dha fhein ann an taigh-òsta ann am Paris ann an 1903

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1960an

cairtean-puist; leth-eileanan; beanntan; bailtean; càrn-cuimhne; gaisgich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection