Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crùnadh Rìgh Sheòrais VI, 12 Cèitean 1937. Ceann na Caismeachd, Inbhir Pheofharain.
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0382
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
1937
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32299
KEYWORDS
cairtrean-puist
bailtean
caismeachdan
crùnadh
taighean-òsta
taighean-cùirte
Rìoghalachd
Coronation of George VI, May 12th 1937. Head of Procession, Dingwall

Air a' chairt-phuist seo bho 12 Cèitean 1937, chithear caismeachd ann an Inbhir Pheofharain a tha a' comharrachadh crùnadh Rìgh Sheòrais VI.

Tha a' chaismeachd air an Àrd-shràid, a' dol seachad air an Taigh-òsta Rìoghail. Tha am Bàillidh Tom MacIlleathain aig ceann na caismeachd. Bha MacIlleathain os cionn nan comharrachaidhean oir chaidh am Pròbhaist Iain MacRath "òrdachadh leis an Rìgh" a bhith an làthair ann an Lunnainn.

Còmhla ris a' Bhàillidh MacIlleathain, tha na Poileis, air an stiùireadh leis an Àrd-chonstabal Uilleam MacIlleathain. Tha iad gan leantainn le pìobairean is drumairean nan 4mh/5mh Sìophortaich. Tha iad gan leantainn leis an Leigian Bhreatannach, am Boys Brigade, na Boy Scouts is Wolf Cubs, na Rovers, Girl Guides is Brownies, Lìg na Slàinte is na Bòidhchid, an "Star of Ross-shire" Lodge of Oddfellows, Maighstirean-lagha agus buill Comhairle Baile Inbhir Pheofharain, halbediers agus 600 sgoilearan. Aig deireadh na caismeachd, tha am poball.

Thòisich gnothaichean le seirbheis Chrìosdail mu choinneamh Taigh a' Bhaile. Chaidh an crùnadh ann an Lunnainn a chraoladh le glaodhairean air a' bhalcanaidh. Chaidh a' chaismeachd an uair sin gu Pàirce Bhioctoria far an robh geamaichean. Chaidh Tiomnadh Nuadh sònraichte airson a' chrùnaidh a thoirt do gach sgoilear san acadamaidh cho math ri bogsa a' chrùnaidh anns an robh bàr teòclaid.

Chaidh caismeachd aodach-brèige a chumail air an oidhche cho math ri teine is cleasan-teine ann am Pàirce an Iubaili agus dannsa ann an Taigh a' Bhaile.

'S ann à Inbhir Pheofharain a bha an t-searbhanta phearsanta aig a' Bhanrigh ùir, A' Bh-Uas Catrìona "Catta" NicillEathain. Is e nighean le neach-cunnraidh togail ionadail a bh' innte agus chaidh i don sgoil ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain mus deach i na searbhanta aig Ban-iarla Shrath Mòr, màthair na Banrigh.

Chaidh an Taigh-òsta Rìoghail, a chaidh a thogail ann am meadhan linn Bhioctoria, a thogail air làrach far an robh seann thaigh nam bochd. Bha an t-ainm Togalach Ghladstone air an togalach seo uaireigin. Rugadh màthair Uilleam Gladstone, a bha na Phrìomhaire air Breatainn ceithir tursan, ann an Inbhir Pheofharain. Chaidh Saorsa Inbhir Pheofharain a thoirt do Ghladstone ann an 1853

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crùnadh Rìgh Sheòrais VI, 12 Cèitean 1937. Ceann na Caismeachd, Inbhir Pheofharain.

ROS: Inbhir Pheofharain

1930an

cairtrean-puist; bailtean; caismeachdan; crùnadh; taighean-òsta; taighean-cùirte; Rìoghalachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection