Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crùnadh Rìgh Sheòrais VI, 12 Cèitean 1937, Àrd-shràid Inbhir Pheofharain.
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0386
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
1937
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32306
KEYWORDS
cairtrean-puist
bailtean
caismeachdan
crùnadh
Coronation of George VI, May 12th 1937. High Street, Dingwall

Air a' chairt-phuist seo bho 12 Cèitean 1937, chithear Àrd-shràid Inbhir Pheofharain air latha Crùnaidh Sheòrais IV.

Mar a thachair ann am bailtean air feadh na rìoghachd, thathar air togalaichean Inbhir Pheofharain a sgeadachadh le brataichean, sròlach agus sioblaichean.

Is e Taigh a' Bhaile an togalach a chithear ann am meadhan na deilbh. Chaidh Taigh Baile tùsail Inbhir Pheofharain a thogail ann an 1732-33 leis a' chlachair Uilleam MacNèill. Chaidh an tùr a chur ris ann an 1773-4. Chaidh a dhealbhadh le Iain Boog agus bha a bheachdan air cruth an tùr stèidhichte gu ìre air Stìoball an Taigh-cìse, Farrais.

Bha prìosan a' bhaile anns an tùr chearnagach air a bheil copula fiodha. Chaidh taigh a' bhaile ath-thogail ann an 1902-6 le Uileam C. Joass, chaidh copula nas àirde a thogail agus chaidh am for-uinneag a chur ris. Bha oifisean aig a' chomhairle anns an togalach. Tha Taigh-tasgaidh Inbhir Pheofharain anns an togalach a-nis.

Bha am Bàillidh MacIlleathain os cionn nan comharrachaidhean oir chaidh am Pròbhaist Iain MacRath "òrdachadh leis an Rìgh" a bhith an làthair ann an Lunnainn.

Thòisich gnothaichean le seirbheis Chrìosdaidh mu choinneimh Taigh a' Bhaile. Chaidh an crùnadh ann an Lunnainn a chraoladh le glaodhairean (loudspeakers) air an fhor-uinneig (balcanaidh). Chaidh a' chaismeachd an uair sin gu Pàirce Bhictoria far an robh geamaichean ann. Chaidh Tiomnadh Nuadh sònraichte airson a' chrùnaidh a thoirt do gach sgoilear san acadamaidh cho math ri bocsa a' chrùnaidh anns an robh leac teòclaid. Chaidh caismeachd aodach-breige a chumail air an oidhche cho math ri teine is cleasan-teine ann am Pàirce an Iubaili agus dannsa ann an Taigh a' Bhaile.

'S ann à Inbhir Pheofharain a bha an t-searbhanta phearsanta aig a' Bhanrigh ùir, A' Bh-Uas Catrìona "Catta" NicillEathain. Is e nighean le neach-cunnraidh togail ionadail a bh' innte agus chaidh i don sgoil ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain mus deach i na searbhanta gu Ban-iarla Shrath Mòr, màthair na Banrigh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crùnadh Rìgh Sheòrais VI, 12 Cèitean 1937, Àrd-shràid Inbhir Pheofharain.

ROS: Inbhir Pheofharain

1930an

cairtrean-puist; bailtean; caismeachdan; crùnadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection