Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois-Cuimhneachaidh nan Sìophortach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0387
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
LINN
1920an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32307
KEYWORDS
cairtean-puist
Na Sìophortaich
càrn-cuimhne
The Seaforth Highlanders Memorial Cross, near Dingwall Station

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Crois-cuimhneachaidh nan Sìophortach a thugadh às an Fhraing agus a thogadh a-rithist ann an Inbhir Pheofharain.

Chaidh a' chrois-fhiodha a chur suas an toiseach ann am baile beag Fontaine Notre Dame anns an Fhraing anns an t-Samhain 1917 airson urram a thoirt do na Sìophortaich a chaochail ann am Blàr Cambrai. Chaidh a thoirt a dh'Inbhir Pheofharain an dèidh oidhirpean Coirneal T.W. Cuthbert, C.M.G., D.S.O ann an 1924. Tha an t-seann chrois fhiodha na sheasamh air leac a thàinig à Oighreachd Ard Rois a thàinig à Oighearachd Ard Rois. Tha ainmean nan còig oifigearan agus nan còig saighdearan deug air fhichead a chaochail air an 21mh agus 22mh den t-Samhain 1917 air na clàran agus tha eachdraidh na croise ri leughadh air dà chlàr eile.

Tha an sgrìobhadh air aon chlàr ag ràdh: "re-erected here by the 4th Seaforth Reunion Club 1914-1918. In memory of their beloved dead. No burdens yonder, all sorrows past, no burdens yonder, home at last." Chaidh fhoillseachadh air an 12mh den Mhàrt 1925.

Chaidh an dealbh camara seo a thogail le F W Urchardain, neach-camara ann an Inbhir Pheofharain. Bha e na ghunnaire ann am Feachd Rìoghail nam Ball-airm (Artillery) sa Chogadh Mhòr agus b' e an duine mu dheireadh a loisg, Latha Fosadh-airm, na canain a tha aig Carraig Chuimhne MhicDhòmhnaill sa chladh an Inbhir Pheofharain.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois-Cuimhneachaidh nan Sìophortach

ROS: Inbhir Pheofharain

1920an

cairtean-puist; Na Sìophortaich; càrn-cuimhne

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection