Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Màiri Nic'illEathain mu bhlitz Bhruaich Chluaidh
EXTERNAL ID
WD_HF06_TRACK04_MACLEAN
ÀITE
Glaschu
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mary Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3231
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
bomadh
ionnsaighean adhair
ionnsaigh adhair
fasgadh ionnsaigh adhair
às-fhalamhachadh
blitz
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha Màiri Nic'illEathain a' fuireach ann an Glaschu aig àm a' bhlitz ann am Bruach Chluaidh.

Saoilidh mi gu robh e anns an dàrna bliadhna sa chogadh a bha am baile ri ar taobh ann an Glaschu, Bruach Chluaidh, Clydebank - chaidh a bhomadh glè, glè dhona agus tha cuimhn' agam - An innis mi dhuibh mu 'n oidhche, mu 'n dà oidhche a chaidh Bruach Chluaidh cha mhòr a sgrios gu talamh. Bha e uabhasach muladach. Bha sinn dìreach air a dhol nar leapannan mu ochd uairean nuair, anns a' bhad, thòisich an dùdach seo a' sgiamhail a-mach air feadh Ghlaschu gu lèir agus bha sin a' toirt rabhadh do dhaoine gu robh na plèanaichean Gearmailteach a' tighinn faisg aig astar. Agus bha làn fhios againn gum biodh iad loma làn de bhomaichean. Tha cuimhn' agam air m' athair ag èigheachd ruinn agus ag ràdh 'Thugainn. Greasaibh oirbh. Èirich! Èirich! Cuiribh umaibh. Air ais a-rithist.' Agus bha sinne a' smaoineachadh gu robh seo cho fiugharach, gun deach an leigeil air ais a-rithist a-nochd agus thàinig oirnn a dhol sìos an staidhre am broinn taigh-fasgaidh agus bha sinn an sin fad na h-oidhche gu ruig trì no ceithir uairean sa mhadainn. 'S e oidhche bhrèagha a bh' ann agus solas na gealaich a' deàrrsadh, agus bha daoine san t-sràid ag ràdh am feasgar roimhe, 'O tha seo dona, 's e droch oidhche a bhios ann a-nochd le bomadh. Tha 'n oidhche cho soilleir, brèagha agus chì na plèanaichean far a bheil iad a' dol.' Agus shuidh sinn san fhasgadh seo fad na h-oidhche ag èisteachd ris na bomaichean a' tuiteam, bho nach robh Bruach Chluaidh ach dhà no trì mìle air falbh bhon àite far an robh mi a' fuireach. Agus chluinneadh sinn na càraichean poilis agus na h-einnseanan-smàlaidh agus na h-ambulansan. Sheas sin dà oidhche. Chaidh mìltean de dhaoine am marbhadh am Bruach Chluaidh agus iomadach duine eile air fhàgail gun dachaigh. Agus bha sinne fortanach nach robh an taigh againne air a bhualadh. Tòrr de na taighean timcheall oirnn, chaidh na h-uinneagan aca am briseadh ann am pìosan agus uinneagan nam bùthan cuideachd. Agus chunnaic sinn na làraidhean uile a' dol seachad air an rathad agus sluagh nam broinn. Bha iad dìreach air an dinneadh a-steach do na làraidhean agus chaidh an toirt do dh'àite na bu shàbhailte a-muigh air an dùthaich, a-mach à Glaschu. Mar sin, 's e sin dà oidhche shònraichte sa chogadh air a bheil cuimhn' agam.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Phort Righ.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Màiri Nic'illEathain mu bhlitz Bhruaich Chluaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; bomadh; ionnsaighean adhair; ionnsaigh adhair; fasgadh ionnsaigh adhair; às-fhalamhachadh; blitz; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Bha Màiri Nic'illEathain a' fuireach ann an Glaschu aig àm a' bhlitz ann am Bruach Chluaidh.<br /> <br /> Saoilidh mi gu robh e anns an dàrna bliadhna sa chogadh a bha am baile ri ar taobh ann an Glaschu, Bruach Chluaidh, Clydebank - chaidh a bhomadh glè, glè dhona agus tha cuimhn' agam - An innis mi dhuibh mu 'n oidhche, mu 'n dà oidhche a chaidh Bruach Chluaidh cha mhòr a sgrios gu talamh. Bha e uabhasach muladach. Bha sinn dìreach air a dhol nar leapannan mu ochd uairean nuair, anns a' bhad, thòisich an dùdach seo a' sgiamhail a-mach air feadh Ghlaschu gu lèir agus bha sin a' toirt rabhadh do dhaoine gu robh na plèanaichean Gearmailteach a' tighinn faisg aig astar. Agus bha làn fhios againn gum biodh iad loma làn de bhomaichean. Tha cuimhn' agam air m' athair ag èigheachd ruinn agus ag ràdh 'Thugainn. Greasaibh oirbh. Èirich! Èirich! Cuiribh umaibh. Air ais a-rithist.' Agus bha sinne a' smaoineachadh gu robh seo cho fiugharach, gun deach an leigeil air ais a-rithist a-nochd agus thàinig oirnn a dhol sìos an staidhre am broinn taigh-fasgaidh agus bha sinn an sin fad na h-oidhche gu ruig trì no ceithir uairean sa mhadainn. 'S e oidhche bhrèagha a bh' ann agus solas na gealaich a' deàrrsadh, agus bha daoine san t-sràid ag ràdh am feasgar roimhe, 'O tha seo dona, 's e droch oidhche a bhios ann a-nochd le bomadh. Tha 'n oidhche cho soilleir, brèagha agus chì na plèanaichean far a bheil iad a' dol.' Agus shuidh sinn san fhasgadh seo fad na h-oidhche ag èisteachd ris na bomaichean a' tuiteam, bho nach robh Bruach Chluaidh ach dhà no trì mìle air falbh bhon àite far an robh mi a' fuireach. Agus chluinneadh sinn na càraichean poilis agus na h-einnseanan-smàlaidh agus na h-ambulansan. Sheas sin dà oidhche. Chaidh mìltean de dhaoine am marbhadh am Bruach Chluaidh agus iomadach duine eile air fhàgail gun dachaigh. Agus bha sinne fortanach nach robh an taigh againne air a bhualadh. Tòrr de na taighean timcheall oirnn, chaidh na h-uinneagan aca am briseadh ann am pìosan agus uinneagan nam bùthan cuideachd. Agus chunnaic sinn na làraidhean uile a' dol seachad air an rathad agus sluagh nam broinn. Bha iad dìreach air an dinneadh a-steach do na làraidhean agus chaidh an toirt do dh'àite na bu shàbhailte a-muigh air an dùthaich, a-mach à Glaschu. Mar sin, 's e sin dà oidhche shònraichte sa chogadh air a bheil cuimhn' agam. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Phort Righ.