Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càrn-cuimhne an Dòmhnallaich, Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0391
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
1908
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32312
KEYWORDS
cairtean-puist
cnuic
cairn-cuimhne
gaisgich
probhaistean
Hector Macdonald National Memorial, Dingwall

Tha a' chairt-phuist seo à 1909 a' sealltainn Càrn-cuimhne an Dòmhnallaich ann an Inbhir Pheofharain

Chaidh an càrn-cuimhne eireachdail seo a thogail le taic phoblach air Cnoc Mhitchell, Inbhir Pheofharain mar chuimhneachan air An Ridire Eachann Dòmhnallach no 'Eachann nan Cath' mar a bhathar na b' eòlaiche air, a bha na ghaisgeach Albannach agus air an robh tòrr spèis aig muinntir an àite.

Chaidh Cnoc Mhitchell ainmeachadh an dèidh Iain Mitchell a bha na phrobhaist ann an Inbhir Pheofharain ann an 1870. B' e oifigear banca a bh' ann agus chosg e airgead fhèin gus Kempfield, ris an canar Cnoc Mhitchell an-diugh, a thraoghadh agus a chur.

Chaidh an càrn-cuimhne a dhealbhadh leis an ailtire Seumas Sandford Kay. Chaidh a' chlach-stèidh a leagail air a' 25mh den t-Sultain 1905 agus chaidh an càrn-cuimhne fhosgladh le fàilteachas mòr Diardaoin 23mh den Cheitean 1907.

Rugadh Eachann Gilleasbaig MacDhòmhnaill air an Eilean Dubh ann an 1853. 'S e mac Uilleam MhicDhòmhnaill a bh' ann a bha na chroitear agus dh'obraich e ann an stàball agus an uair sin mar fhear-taic ann am bùth-aodaich ann an Inbhir Pheofharain agus ann an Inbhir Nis mus deach e don arm agus na Gòrdanaich mar shaighdear.

Chaidh àrdachadh gu bhith na sheairdseant-faiche a' chiad bliadhna anns na h-Innseachan air sàillibh cho eòlach 's a bha e air an leabhar-faiche. Bha e air ìre seairdseant-dathach a ruigheachd ann an 1874. Chaidh a' chiad iomradh shònraichte a dhèanamh air an dèidh dha ionnsaigh a stiùireadh ann an Afghanastan agus chaidh taing a thoirt dha gu pearsanta leis a' Mhorair Raibeart.

Fhuair e an cothrom Crois Bhioctoria no coimisean eile a thaghadh an aon bhliadhna agus b' e am fear mu dheireadh a thagh e. 'S e a' Chiad Fo-cheannard a bh' ann an 1881. Chaidh a chur a Afraga a Deas an uair sin far an deach iomradh shònraichte a thoirt air a-rithist.

An dèidh dha tilleadh a Shasainn chuir e ainm air adhart gu saor-thoileach a dhol a Shudan agus bha e na shaighdear e an sin anns an arm Eiphiteach agus chaidh àrdachadh gu bhith na chaiptean. An dèidh seirbheis air leth agus gaisgeil fhuair e iomradh shònraichte eile agus D.S.O. Fhuair e am farainm 'Eachann nan Cath' agus chaidh àrdachadh gu bhith na Mhàidsear. B' ann aig Omduran ann an 1898 a ràinig na sgilean aige inbhe eile. Chaidh ionnsaigh a thoirt air an Dòmhnallach agus na saighdearan aige gun rabhadh le 10,000 feachdan Dervish agus chùm iad am fearann aca agus chuir iad ruaig air na Dervish. Chaidh Gleann an Nile a ghabhail le na Breatannaich agus chaidh na Dervish a mharbhadh agus fhuair iad dioghaltas airson murt Seanalair Gòrdain. Thill an Dòmhnallach a Bhreatainn mar ghaisgeach. Chaidh a dhèanamh mar choirneal-brebhet agus aide-de-camp don a' Bhanrigh Bhioctoria agus chaidh àrdachadh gu bhith na Sheanalair-Bràgad.

Shabaid MacDhòmhnaill a-rithist anns na h-Innseachan agus chaidh a thoirt air ais a dh'Afraga a Deas airson smachd a ghabhail air a' Bhràgad Ghàidhealach. Bha e an sàs ann am Brandswater agus ghèill 4000 Boer an sin anns an Iuchar 1900. Chaidh iomradh shònraichte a thoirt air a-rithist. Fhuair e an urram 'Knight Commander of the Bath' bhon Rìgh agus chaidh àrdachadh gu bhith na Sheanalair-Màidsear.

Thàinig a' chùrsa-beatha eireachdail aig a' ghaisgeach gu crìch madainn 25mh den Mhàrt 1903. Chaidh droch chasaidean fearas-feise a chur air fhad 's a bha e na shaighdear ann an Ceylon. Bha e a' tilleadh à Ceylon taobh Paris an dèidh dha fòrladh a ghabhail ann an Sasainn, airson deuchainn-cùirt airm. Leugh e aithisg anns an New York Times mu na casaidean a bha roimhe anns an taigh-òsta aige agus le eu-dòchas chuir e às dha fhèin le gunna anns an rùm aige.

B' ann nuair a chaochail e a thàinig e a-mach gun robh bean agus gille aige. Chuir a bhean air dòigh gum biodh e air a thiodhlacadh gu dìomhair aig 6 sa mhadainn Diluain 30mh den Mhàrt ann an Cladh Deathan Dhùn Èideann.

Cha b' urrainn don phoball fhaighinn thairis air na casaidean a chaidh a chur air agus mar a chaidh a thiodhlacadh. Chaidh 30,000 chun na h-uaghach aige a' chiad Sàbaid an dèidh a thiodhlacadh. Dh'fhuirich daoine trì uairean gus urram a thoirt dha agus dhiùlt màighstir a' chladh barrachd fhlùraichean a ghabhail oir bha uimhir dhiubh ann. Shaoil mòran gun do dh'fhuiling MacDhòmhnaill air sgàth gràin inbhe dhaoine. Bha fathannan ann agus fiu 's an-diugh 's iomadh ceist a th' ann gun fhreagairt mu bhàs an t-saighdeir ghaisgeil a dh'èirich suas ann an dòigh nach fhacar riamh roimhe

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càrn-cuimhne an Dòmhnallaich, Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1900an

cairtean-puist; cnuic; cairn-cuimhne; gaisgich; probhaistean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection