Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid a' Chaisteil agus Càrn-cuimhne an Dòmhnallaich, Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0395
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
1915
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32317
KEYWORDS
cairtean-puist
caistealan
Lochlannaich
cairn-cuimhne
taighean-òsta
gaisgich
Castle Street and Hector McDonald Memorial, Dingwall

Tha a' chairt-phuist seo à 1915 a' sealltainn Sràid a' Chaisteil agus Càrn-cuimhne an Dòmhnallaich, Inbhir Pheofharain.

Thathar a' smaoineachadh gun robh an caisteal a bh' ann bho thùs ann bho chionn còrr 's mìle bliadhna agus 's ann bhon a' chaisteal seo a tha an t-ainm Sràid a' Chaisteil a' tighinn. B' e na Maoir mhòra a bha a' riaghaladh Rois aig an àm agus cha mhòr nach eil cinnt ann gun do thog iad daingneachd anns an àite far a bheil Inbhir Pheofharain an-diugh. Thathar a' creidsinn gun do rugadh MacBeth anns a' chaisteal an seo ann an 1005 agus bha e fhèin na Mhaor mòr Rois airson greis bheag.

Bha caisteal air an aon làraich aig a' cheannard Lochlannach Thorfin a Stèidhich an "cathair a' cheartais"aige no "thing vollr" air Cnoc Uaine gu taobh an iar a' bhaile agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm Inbhir Pheofharain. Dh'fhàs an caisteal gu bhith na mheadhan laghail agus sòisealta fo Thorfin.

Tha beachd ann gun robh an caisteal am measg an fheadhainn a bu mhotha agus a bu chumhachdaiche tuath air Dùn Bhreatainn agus Sruighlea nuair a bha Iarlan Rois a' riaghladh an seo gu ruige a' chòigeamh linn deug.

Ach, nuair a chaidh an t-Iarla mu dheireadh an sàs ann an gnothach air an cathair-rìoghail a thrasgairt nach do dh'obraich agus chaidh an tiotal air ais don Chrùn, chaidh e na thobhta. Chaidh a leagail mu dheireadh ann an 1818. Chaidh feadhainn de na clachan a chleachdadh gus 'doocot' a thogail faisg air an làraich a tha fhathast na sheasamh ann an Sràid a' Chaisteil an-diugh. Ma tha cuid den t-seann togalach ann, tha iad ann an gàrradh taigh a chaidh a thogail ann an stoidhle dùin ris an canar 'An Caisteal' a chaidh a thogail ann an 1821 airson a' Chaiptean Ruairidh MacGillinnein.

'S e an Taigh-òsta Rìoghail à meadhan linn Bhioctoria a th' anns an togalach anns a' mheadhan air oisean Sràid a' Chaisteil agus Sràid a' Chnuic. Chaidh a thogail air làrach seann thaigh nam bochd agus b' e 'Togalach Ghladstone' a bh' air. Rugadh màthair Uilleam Gladstone a bha na Phrìomhaire Breatannach ceithir tursan, ann an Inbhir Pheofharain. Fhuair Gladstone Saorsa Inbhir Pheofharain ann an 1853.

Tha Sràid a' Chaisteil a' leantainn gu Sràid a' Chnuic agus Cnoc Mhitchell air ainmeachadh an dèidh Iain Mitchell a bha na phrobhaist ann an Inbhir Pheofharain. Chaidh an càrn-cuimhne eireachdail air a' mhullach a thogail mar chuimhneachan air Màidsear Seanalair An Ridire Eachann Dòmhnallach a bha na mhac chroitear bhon Eilean Dubh agus a chaidh dhan arm mar shaighdear agus a dh'èirich suas tro na h-ìrean gu inbhe ann an dòigh nach deach fhaicinn riamh roimhe. Shabaid e le cliù ann an Afghanastan, Afraga a Deas, Na h-Innseanan agus Sudan agus dh'fhàs e gu bhith na ghaisgeach agus fhuair e am farainm 'Eachann nan Cath'. Rinnear Ridire dheth ann an 1901 ach chaidh droch chasaidean a thoirt na aghaidh. An dèidh dha droch chunntasan mu dheidhinn a leughadh anns na pàipearan-naidheachd, chuir e às dha fhèin ann an taigh-òsta ann am Paris ann an 1903

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid a' Chaisteil agus Càrn-cuimhne an Dòmhnallaich, Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1910an

cairtean-puist; caistealan; Lochlannaich; cairn-cuimhne; taighean-òsta; gaisgich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection