Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Pheofharain (a dh'ionnsaigh Bheinn Uais)
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0398
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
LINN
1900an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32320
KEYWORDS
cairtean-puist
beanntan
bailtean
caistealan
acarsaidean
canàlaichean
Dingwall (looking to Ben Wyvis)

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Inbhir Pheofharain a dh'ionnsaigh Bheinn Uais.

'S e Beinn Uais aig 3430 troigh a dh'àirde a' bheinn as àirde agus as motha ann an taobh an ear na h-Alba tuath air Inbhir Nis. 'S dòcha gur ann bhon a' Ghàidhlig 'fuathais' a tha an t-ainm Uais aig a bheil iomadh ciall - uabhasach, àrd, uasal agus uamhalta. Tha iad uile freagarrach dhan bheinn seo. Bidh sneachd na laighe airson iomadh mìos anns na coireachan an ear agus nuair a bha am fearann aig a' Chlann MhicChoinnich bhon Rìgh b' ann leothasan a bha e cho fad 's gum b' urrainn dhaibh ball-sneachda fhaighinn nuair a dh'iarrar e.

Tha prìomh bhaile Rois 's Chrombaidh, Inbhir Pheofharain, aig ceann Caolas Chrombaidh. Thathar a' creidsinn gun do rugadh MacBeth anns a' chaisteal an seo ann an 1005. Stèidhich an ceannard Lochlannach Thorfin an "cathair a' cheartais"aige no "thing vollr" an seo agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm Inbhir Pheofharain. Rinn Alexander II Inbhir Pheofharain mar bhaile rìoghail ann an 1227. Bha Iarlan Rois a' riaghladh an seo gus a' chòigeamh linn deug nuair nach do rinn an t-Iarla mu dheireadh an gnothach air an cathair-rìoghail a thrasgairt agus chaidh an tiotal air ais don Chrùn.

Chrìon Inbhir Pheofharain anns an t-seachdamh linn deug agus chaidh an caisteal a leagail ann an 1818. Thàinig piseach air gnothaichean nuair a thog Tòmas Telford acarsaid. Chaidh canàl a thogail cuideachd ach gu luath stadar ga chleachdadh. Thàinig barrachd beartais don bhaile nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1862. Dh'fhàs am baile mar bhaile margaid agus bha e na mheadhan airson àiteachas le margaid bheathaichean cunabhalach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Pheofharain (a dh'ionnsaigh Bheinn Uais)

ROS: Inbhir Pheofharain

1900an

cairtean-puist; beanntan; bailtean; caistealan; acarsaidean; canàlaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection