Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Pheofharain a dhionnsaigh Chàrn-cuimhne an Dòmhnallaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0399
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
1927
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32321
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean
acarsaidean
canàlaichean
càrn-cuimhne
gaisgich
Dingwall looking to Hector Macdonald Memorial

Tha a' chairt-phuist seo à 1927 a' sealltainn Inbhir Pheofharain a dhionnsaigh Chàrn-cuimhne an Dòmhnallaich

Tha prìomh bhaile Rois 's Chrombaidh, Inbhir Pheofharain, aig ceann Caolas Chrombaidh. Thathar a' creidsinn gun do rugadh MacBeth anns a' chaisteal an seo ann an 1005. Stèidhich an ceannard Lochlannach Thorfin an "cathair a' cheartais"aige no "thing vollr" an seo agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm Inbhir Pheofharain. Rinn Alexander II Inbhir Pheofharain mar bhaile rìoghail ann an 1227. Bha Iarlan Rois a' riaghladh an seo gus a' chòigeamh linn deug nuair nach do rinn an t-Iarla mu dheireadh an gnothach air an cathair-rìoghail a thrasgairt agus chaidh an tiotal air ais don Chrùn.

Chrìon Inbhir Pheofharain anns an t-seachdamh linn deug agus chaidh an caisteal a leagail ann an 1818. Thàinig piseach air gnothaichean nuair a thog Tòmas Telford acarsaid. Chaidh canàl a thogail cuideachd ach gu luath stadar ga chleachdadh. Thàinig barrachd beartais don bhaile nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1862. Dh'fhàs am baile mar bhaile margaid agus bha e na mheadhan airson àiteachas le margaid bheathaichean cunabhalach.

Tha Cnoc Mhitchell air an làimh dheis air ainmeachadh an dèidh Iain Mitchell a bha na phrobhaist ann an Inbhir Pheofharain. Chaidh an càrn-cuimhne eireachdail air a' mhullach a thogail mar chuimhneachain air am Màidsear Seanalair An Ridire Eachann Dòmhnallach a bha na mhac chroitear bhon Eilean Dhubh agus a chaidh dhan arm mar shaighdear agus a dh'èirich suas tro na h-ìrean gu inbhe ann an dòigh nach deach fhaicinn riamh roimhe. Shaighdear e le cliù ann an Afghanistan, Afraga a Deas, Na Innseanach agus Sudan agus dh'fhàs e a bhith na ghaisgeach agus fhuair e am farainm 'Eachann nan Cath'. Rinnear Ridire dheth ann an 1901 ach chaidh droch chasaidean a thoirt na aghaidh. An dèidh dha droch chunntasan ma dheidhinn a leughadh anns na pàipearan naidheachd, chuir e às dha fhèin ann an taigh-òsta ann am Paris ann an 1903

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Pheofharain a dhionnsaigh Chàrn-cuimhne an Dòmhnallaich

ROS: Inbhir Pheofharain

1920an

cairtean-puist; bailtean; acarsaidean; canàlaichean; càrn-cuimhne; gaisgich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection