Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Pheofharain (a dh'ionnsaigh Chrombaidh)
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0400
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
1907
LINN
1900an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32322
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean
eaglaisean
caistealan
acarsaidean
canàlaichean
caolais
Dingwall (looking to Cromarty)

Tha a' chairt-phuist seo à 1907 a' sealltainn Inbhir Pheofharain a dh'ionnsaigh Chrombaidh

'S e prìomh bhaile Rois 's Chrombaidh a th' ann an Inbhir Pheofharain. Tha e aig ceann Caolas Chrombaidh aig beul an Abhainn Pheofharain. 'S e Inbhir Pheofharain a th' air anns a' Ghàidhlig ach suas gu 500 AD bha beul na h-aibhne na b' fhaisge air Srath Pheofhair a tha 5 mìle chun an taobh an iar agus b' e fèith fo bhuaidh na làin a bh' anns an àite far a bheil Inbhir Pheofharain na sheasamh an-diugh. B' ann aig deireadh a' chòigeamh linn nuair a lìon beul na h-aibhne agus a dh'fhàs am poll cruaidh gu leòr a b' urrainn do dhaoine taighean a thogail.

Bha eaglais aig na Culdees, seann treubh de mhanaich an seo. B' e na Maoir mhòra a bha nan riochdairean aig an Rìgh a bha os cionn Rois aig an àm. Cha mhòr nach eil cinnt ann gun do thog iad daingneachd an seo. Thathar a' creidsinn gun do rugadh MacBeth anns a' chaisteal an seo ann an 1005 agus bha esan na Mhaor mòr Rois airson greis bheag.

B' e na Lochlannaich a bha a' riaghladh Rois aig an àm. B' e Thorfin cumhachdach a Stèidhich an "cathair a' cheartais"aige no "thing vollr" air Cnoc Uaine gu taobh an iar a' bhaile agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm Inbhir Pheofharain. B' e mac nighean an Rìgh Calum II agus Sigurd Ghallaibh a bha aig Rìghrean Nirribhidh, a bh' ann an Thorfin. Dh'fhàs an caisteal gu bhith na mheadhan laghail agus sòisealta fo Thorfin agus thug e mòran Lochlannacha dh'fhuireach an seo. 'S ann às an aonamh linn deug a tha am baile.

Rinn Alexander II Inbhir Pheofharain mar bhaile rìoghail ann an 1227. B' ann aig an àm seo a dh'fhàs cumhachd Iarlan Rois, aon de na teaghlaichean a bu chumhachdaiche ann an Alba airson dà cheud bliadhna. Cha b' e a' mhòr-chuid de Ros a-mhàin a bh' aca ach bha feadhainn de na oighreachdan as motha ann an Alba aca cuideachd. Ach bha Iain, an t-Iarla mu dheireadh, an sàs ann an gnothach air an cathair-rìoghail a thrasgairt nach do dh'obraich agus chaidh an tiotal air ais don Chrùn. Bhon uair sin, b' ann aig darna mhac an Rìgh no Bànrigh aig an robh an tiotal Iarla Rois.

Chaidh an caisteal a thrèigsinn anns an t-seachdamh linn deug agus dh'fhàs e a bhith na thobhta. Chaidh a leagail ann an 1818. Chaidh feadhainn de na clachan a chleachdadh gus 'doocot' a thogail faisg air an làraich a tha fhathast na sheasamh an-diugh.

Chrìon Inbhir Pheofharain anns an t-seachdamh linn deug. Cha robh gniomhachas ann ach a' dèanamh anairt a thàinig don bhaile ann an 1760. Thàinig piseach air gnothaichean ann an 1817 nuair a thog Tòmas Telford acarsaid. Chaidh canàl a thogail cuideachd gus soithichean nas motha a thoirt a-steach ach ged a stadar ga chleachdadh gu luath tha cuairt snog ann fhathast air a bruaichean. Thàinig barrachd beartais don bhaile nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1862. Dh'fhàs am baile mar bhaile margaid agus bha e na mheadhan airson àiteachas le margaid bheathaichean cunabhalach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Pheofharain (a dh'ionnsaigh Chrombaidh)

ROS: Inbhir Pheofharain

1900an

cairtean-puist; bailtean; eaglaisean; caistealan; acarsaidean; canàlaichean; caolais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection