Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Srath Pheofhair a' sealltainn gu Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0402
ÀITE
Gleann Srath Pheofhair
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32324
KEYWORDS
cairtean
glinn
aibhnichean
beanntan
dùin
Strathpeffer Valley looking towards Dingwall

Tha a' chairt seo a' sealltainn Srath Pheothair, agus Inbhir Pheofharain nas fhaide às.

Tha Abhainn Pheofhair a' sruthadh tron ghleann seo gu Inbhir Pheofharain aig ceann Caolas Chrombaigh, ach gu 500AD bha beul na h-aibhne an Srath Pheofhair, còig mìle nas fhaide air an taobh an iar, agus b' e cladach eabrach a bh' ann an làr an t-sratha. Mean air mhean, thiormaich an talamh, agus dh'fhàs e cho cruaidh is gum faodadh daoine taighean a thogail an seo.

Air an taobh chlì, air an taobh a deas dhen t-srath, tha Cnoc Fearralaidh.

'S e Cnoc Fearralaidh bàrr druim nam beanntan ris an canar Druim a' Chait. Às an seo tha deagh sheallaidhean cho fada ri Creag Phàdraig faisg air Inbhir Nis, agus stallachan nan Sùdraichean a Tuath an Cromba. Air a mullach tha seann dùn glainnichte a dh'fhaodadh a bha na dhaingneachd aig Rìgh Brùd.

'S e th' ann an dùn glainnichte ach fear far an deach na bàbhuinnean a losgadh aig teas cho àrd 's gun do leagh na clachan còmhla mar thòrr glainne. 'S math dh'fhaodte gur e tubaist a bh' anns an teine, air neo gun deach a chleachdadh a dh' aona ghnothaich gus na ballachan a neartachadh, air neo gun do thachair e air sgàth cogaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Pheofhair a' sealltainn gu Inbhir Pheofharain

ROS: Fothraitidh

1920an; 1930an

cairtean; glinn; aibhnichean; beanntan; dùin

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection