Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Dòrnaidh agus an t-Aiseag
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0407
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32328
KEYWORDS
cairtean
lochan
bailtean beaga
aiseagan
iasgach
drochaidean
Dornie Village and Ferry

Tha a' chairt seo a' sealltainn an Dòrnaidh agus an t-aiseg, le beanntan Loch Aillse air an cùl.

Tha an Dòrnaidh ann an taobh an iar Siorrachd Rois, air a' chosta an ear den Loch Fhada, agus far a bheil an Loch Fada agus Loch Dubhthaich a' coinneachadh Loch Aillse. B' e Bun Dà Loch an seann ainm Gàidhlig a bh' air. Tha an t-ainm ùr Beurla "Dornie" (an Dòrnaidh, àite molagach) a' tighinn on Ghàidhlig.

Nuair a thoisich càraichean a' siubhal an toiseach sa Ghàidhealtachd, dh'fheumte fear mu seach a shuidheachadh gu faiceallach air dèilean tarsainn beul a' bhàta gus an toirt a-null. Anns an dealbh seo, tha bàta le einnsean air a dhol an àite a' bhàta-ràimh, le stèidh-thionndaidh a b' urrainn aon chàr a tharraing. Cha robh feum air an aiseag nuair a dh'fhosgail drochaid tarsainn air an Loch Fhada ann an 1940.

Bha aiseag cuideachd a' siubhal bho Àird Eilbh chun na Tobhtaig air ceann a deas Loch Dubhthaich. Bhathar a' cur a dh' iarraidh fear an aiseig le dùdach a bha crochte air a' chidhe

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Dòrnaidh agus an t-Aiseag

ROS: Loch Aillse

1920an; 1930an

cairtean; lochan; bailtean beaga; aiseagan; iasgach; drochaidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection