Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Dòrnaidh, Siorrachd Rois
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0408
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32329
KEYWORDS
cairtean
bailtean beaga
lochan
drochaidean
aiseagan
iasgach
Dornie, Wester Ross

Tha a' chairt seo a' sealltainn an Dòrnaidh agus an t-aiseag, le beanntan Loch Aillse air an cùl.

Tha an Dòrnaidh ann an taobh an iar Siorrachd Rois, air a' chosta an ear den Loch Fhada, agus far a bheil an Loch Fada agus Loch Dubhthaich a' coinneachadh Loch Aillse. B' e Bun Dà Loch an seann ainm Gàidhlig a bh' air. Tha an t-ainm ùr Beurla "Dornie" (an Dòrnaidh, àite molagach) a' tighinn on Ghàidhlig.

Stèidhich Comann Iasgach Bhreatainn am baile ann an 1794 mar àite iasgaich agus malairt, air fearann a bhuineadh don Chòirneal Francis Humberston MacCoinnich Shìophoirt. Gus na 1870an, bha mòran dhen t-sluagh an sàs ann an obair an sgadain, an dà chuid gan sailleadh agus gan reic, ach bha togail bhàtaichean, dèanamh lìn agus greusachd pailt.

Ann an 1940, thogadh an drochaid a th' anns an dealbh an àite an aiseig a bha a' siubhal tarsainn an Loch Fhada bhon Dòrnaidh gu Àird Eilbh, a' ceangal Loch Aillse agus Cinn Tàile. Bha earrann na meadhan a ghabhadh fhosgladh gus bàtaichean a leigeil troimhe. Leagadh an drochaid seo anns na 1990an nuair a thogadh drochaid ùr.

'S e Taigh-òsta Loch Dubhthaich, air an robh Taigh-òsta Aiseag na h-Àirde roimhe, a th' anns an togalach air an taobh eile dhen Loch Fhada

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Dòrnaidh, Siorrachd Rois

ROS: Loch Aillse

1970an

cairtean; bailtean beaga; lochan; drochaidean; aiseagan; iasgach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection