Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fàilte bhon Bhaile Ùr (Baile Eoghainn)
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0419
ÀITE
Baile Èoghainn
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Sgìre Thighearna
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32339
KEYWORDS
cairtean
carraighean-cuimhne
caolais
caistealan
Seumasaich
bailtean beaga
puirt-adhair
Greetings from Evanton

Tha a' chairt seo a' sealltainn còig seallaidhean mu thimcheall a' Bhaile Ùir (Baile Eoghainn): Carragh-cuimhne Faoighreis, Caolas Chataibh, Taigh-Òsta Suaicheantas Taigh an Fhuamhair, Caisteal Fhòlais (prìomh dhachaigh nan Rothach), agus sealladh faisg air a' Bhaile Ùr.

Tha carragh-cuimhne Faoighris air bàrr Cnoc Faoighris, os cionn Caolas Chrombaigh. Is dòcha gun tàinig an t-ainm Faoighris o "fura" no "fyri" anns an Lochlannais, a bha a' ciallachadh "craobh ghiuthais". Thogadh an carragh-cuimhne ann an 1783 leis an t-Seanalair Sir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair, gus obair a thoirt do mhuinntir na sgìre, agus bha e stèidhichte air Geataichean Negapatam anns an h-Ìnnsean far an d'fhuair an Seanalair buaidh anns a' bhlàr.

'S e caolas cumhang a th' ann an Caolas Chataibh, a tha a' dol trì mìle bho Dhrochaid a' Bhanna, aig ceann Caolas Dhòrnach.

Tha Caisteal Fhòlais ceithir mìle an ear thuath air Inbhir Pheofharain. Thogadh an taigh mòr clasaigeach seo eadar 1754 agus 1792 air làrach caisteil bhon 12ra linn. Ann an 1746, chuir na Seumasaich teine ris a' chaisteal a thog na Rothaich o thùs, air sàilleabh gun do sheas an teaghlach an aghaidh a' Phrionnsa Teàrlaich. 'S dòcha gu bheil an t-ainm "Foulis" a' tighinn on Ghàidhlig "fo-glais" no "foghlais" - sruthan.

'S ann anns a' Bhaile Ùr a tha Taigh-òsta Suaicheantas Taigh an Fhuamhair, seann taigh-òsta do luchd-siubhail nan coidsichean, a thogadh ann an 1850.

'S ann air taobh tuath Caolas Chrombaigh, mu shia mìle an ear air Inbhir Pheofharain, a tha am Baile Ùr (Baile Eoghainn). Chaidh a stèidheachadh ann an 1810 le Eòghann Friseal Bailearnaidh agus lìon e le daoine a chaidh am fuadach às na glinn anns an iar gus àite a thoirt do chaoraich. Chaidh port-adhair beag a stèidheachadh anns a' Bhaile Ùr ann an 1920 agus a chleachdadh leis an Fleet Air Arm. Anns na 1970an thogadh pairc-ghnìomhachais air an làraich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fàilte bhon Bhaile Ùr (Baile Eoghainn)

ROS: Sgìre Thighearna

1960an

cairtean; carraighean-cuimhne; caolais; caistealan; Seumasaich; bailtean beaga; puirt-adhair

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection