Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fàilte bhon Chananaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0428
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32348
KEYWORDS
cairtean
bailtean
cathair-eaglaisean

sgoiltean
aiseagan
taighean-solais
buidseachd
leumadairean
goilf
calachan
rèilichean
drochaidean
Greetings from Fortrose

Tha a' chairt seo a' sealltainn còig seallaidhean mu chuairt air a' Chananaich; Gob na Cananaich; an ceum an cois na mara agus an cala; an cala fhèin; an Àrd Shràid agus an Abaid.

Tha a' Chananaich air costa a deas an Eilein Duibh, os cionn Caolas Mhoireibh. Stèidhicheadh a' chathair-eaglais anns an treas linn deug agus 's ann an seo a bha an taigh aig Easbaig Rois. Thog na cananan, na sagairt a bha a' frithealadh na cathair-eaglais, na mansaichean aca mun cuairt air a' chathair-eaglais. Bha "a' Chananaich" a' ciallachadh àite nan canan.

Ann an 1444, dh'aontaich cairt bhon Rìgh Seumas II a' Chananaich leis a' Ros Mhaircnidh, a bha gu math na bu shine, fon ainm Fortross (A' Chananaich) ris an abrar Fortrose (A' Chananaich) an-diugh. Ro 1584 bha sgoil-ghramair anns a' Chananaich, agus thàinig piseach air a' bhaile mar ionad dha na h-ealain agus saidheans, agus gu h-àraidh an lagh agus diadhachd. Ach mus tàinig àm an Ath-leasachaidh, bha a' Chathair-eaglais mar-thà ann an droch staid, agus thug an t-arm aig Oliver Cromwell leotha mòran dhen chloich-ghainmhich ruaidh aice gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Chan eil air fhàgail dhen Chathair-eaglais ach earrann bheag.

Mhair am baile mar ionad foghlaim. Stèidhicheadh Acadamaidh na Cananaich ann an 1791 agus bha i ainmeil airson foghlaim. Anns an naoidheamh linn deug bhiodh bàtaichean-smùide le bathar agus luchd-siubhail a' stad aig Gob na Cananaich aig ceann rubha chaoil, Rubha na Cananaich, a tha a' sìneadh fad mìle a-mach dhan mhuir. Gus na 1930an bha aiseag a' falbh gu cunbhalach eadar Gob na Cananaich agus Àird nan Saor air costa Siorrachd Inbhir Nis, an dòigh as giorra air a dhol tarsainn Caolas Mhoireibh.

Thogadh an taigh-solais aig Gob na Cananaich le Ailean Stevenson ann an 1846. Faisg air an taigh-sholais tha clach-chuimhne do Choinneach Odhar. Thog Ban-iarla Shìophoirt casaid na aghaidh ann an 1660 gun robh e ri buidseachd agus chaidh a losgadh gu bàs ann am baraille spèiceach làn teàrra.

Tha an rubha ainmeil an-diugh airson chur-seachadan nas ciùine. Thig mòran dhan Ghob a dh'fhaicinn leumadairean, agus thathar air a bhith cluichd goilf air an raon bho thràth anns an 18mh linn.

Chaidh an cala a thogail ann an 1817 le Tòmas Telford. Chaidh na ceanglaichean eadar sgìrean a leasachadh nuair a dh'fhosgail rèile an Eilein Duibh ann an 1894. Dhùin e anns na 1960an, ach le fosgladh Drochaid Cheiseig ann an 1982, tha e furasta Inbhir Nis a ruigsinn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fàilte bhon Chananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

1950an

cairtean; bailtean; cathair-eaglaisean;
sgoiltean; aiseagan; taighean-solais; buidseachd; leumadairean; goilf; calachan; rèilichean; drochaidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection