Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chananaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0429
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32349
KEYWORDS
cairtean
bailtean
cathair-eaglaisean
naoimh
stallachan
creag-eòlas
Fortrose

Tha a' chairt seo a' sealltainn ceithir seallaidhean bhon sgìre mun Chananaich agus Ros Mhaircnidh: A' Chananaich; Cathair-eaglais na Cananaich; A' Chananaich bho Cheann a' Bhràigh, agus a' Chreag, Ros Mhaircnidh. Anns a' mheadhan tha seula na Cathair-eaglais.

Tha a' Chananaich agus Ros Mhaircnidh air costa a deas an Eilein Duibh, os cionn Caolas Mhoireibh.

Tha an seula a' sealltainn an Naoimh Peadair le iuchair agus an Naoimh Boniface le bhata. Tha e air a ràdh gun do bhuannaich an Naomh Curadan - Naomh Boniface, mar as fheàrr a dh'aithnichear e anns an Laidinn - a' chiad chathair-eaglais, Eaglais an Naoimh Pheadair, ann an Ros Mhaircnidh. Their cuid gu bheil an Naomh Boniface air a thiodhlacadh an seo.

Stèidhicheadh a' Chathair-eaglais a bu mhotha anns a' Chananaich anns an treas linn deug. Fhuair e an t-ainm o thùs o na thog na h-easbaigean agus na cananan an taighean faisg air a' Chathair-eaglais. Ann an 1444, dh'aontaich cairt bhon Rìgh Seumas II a' Chananaich le Ros Mhaircnidh a bha gu math na bu shine, fon ainm "Fortross" (A' Chananaich), no Fortrose mar a chanar ris an-diugh.

Ach mus tàinig àm an Ath-leasachaidh, bha a' Chathair-eaglais mar-thà ann an droch staid, agus thug an t-arm aig Oliver Cromwell leotha mòran dhen chloich-ghainmhich ruaidh aice gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Chan eil air fhàgail dhen Chathair-eaglais ach earrann bheag.

Dìreach air cùl Ros Mhaircnidh tha "Kaes Craig", stalla mara fìor mhòr de chloich-ghainmhich ruadh. An seo, tha Allt Ros Mhaircnidh air clais mhòr, anns a bheil sprùilleach crèadha, a ghearradh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

cairtean; bailtean; cathair-eaglaisean; naoimh; stallachan; creag-eòlas

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection