Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Màiri Mhoireasdan mun bhomadh
EXTERNAL ID
WD_HF06_TRACK06_MORRISON
ÀITE
Southampton
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mary Morrison
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3235
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
bomaichean
bomadh
sprèadhadh
ionnsaighean adhair
blitz
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha Màiri Mhoireasdan na niorsa aig RAF Fareham nuair a chaidh Southampton a bhomadh san Dàrna Cogadh.

Dè a' chuimhne as miosa a th' agaibh air a' chogadh?

A' chuimhne as miosa. Uill, 's e a' chuimhne buileach as miosa a th' agam - bhiodh sin an oidhche nuair a chaidh oibrichean gas Southampton a bhualadh na mheadhan le boma agus bha an t-àite gu lèir a' deàrrsadh. Chan fhaca mi càil coltach ris roimhe na mo bheatha. Càil idir coltach ri sin, agus fiù 's nuair a smaoinicheas mi air an-diugh tha e a' cur beagan de dh'eagail orm.

Agus, tha fhios, bha sinn uile ri obair, chaidh ar n-èigheachd air ais dhan bhàgh-thinneas agus bha sinn uile ri ar dleasdanas agus, tha mi creids', nuair a thachradh rud mar sin sna làithean ud bha sinn uile cho trang agus bha a' chuid a bu mhotha againn glè òg agus 's dòcha gur ann a-rithist a dh'fhairich sinn buaidh nan tachartasan sin, chanainn-sa. Ach 's e tachartas uabhasach, fìor eagalach a bha sin. Mm-hmm. Ach shìos gu deas sna sgìrean sin, gu h-àraid Southampton, bha na bomaichean eagalach. Saoilidh mi gur e sin an rud a b' eagalaich. 'S e an fhìrinn a th' ann, an rud a b' eagalaich gu fìrinneach.

Chaidh mi sìos bho RAF Bishopbriggs gu, o mo chreach, RAF Fareham, a tha na laighe eadar Portsmouth agus Southampton. Bha mi ag obair ann an àite-tinneas an sin còmhla ri mòran dhaoine eile, tha fhios. Agus chanainn-sa gum biodh e fìor a ràdh gu robh ionnsaighean bhomaichean ann a h-uile h-oidhche, a h-uile h-oidhche. Chitheadh tu an deàrrsadh pìos air falbh san adhar agus chanadh tu, 'Uill, 's e sin Portsmouth' air neo ''S e sin Southampton.' Cha robh mi ach ainneamh ann an Lunnainn ach bha fìor dhroch ionnsaighean adhair, ionnsaighean iargalta acasan. Eagalach. Ach tha mi creids' gu robh thu a' fàs cleachdte ris beag air bheag agus chanadh tu 'Chan eil e buileach cho trom a-nochd' air neo ''S dòcha nach tèid ar n-èigheachd a-mach cho tric a-nochd' neo 'S dòcha nach bi an uibhir air an leòn a-staigh a-nochd.' Agus a h-uile seòrsa rud mar sin. Mm-hmmm.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Biorbhaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Màiri Mhoireasdan mun bhomadh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; bomaichean; bomadh; sprèadhadh; ionnsaighean adhair; blitz; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)