Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chananaich bhon adhar
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0430
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32350
KEYWORDS
cairtean
bailtean
cathair-eaglaisean
eaglaisean
sgoiltean
Fortrose from the Air

Tha a' chairt seo o mheadhan an fhicheadamh linn a' sealltainn na Cananaich bhon adhar.

Tha a' Chananaich air costa a deas an Eilein Duibh, os cionn Caolas Mhoireibh.

Ann am meadhan na deilbh tha tobhta Cathair-eaglais na Cananaich. Os cionn a' chladaich tha Eaglais Easbaigeach an Naoimh Anndra, a thogadh ann an modh Gotach ann an 1828, le ballachan-taice binneanach. Air an taobh dheas tha an tùr beag cruinn, le mullach cònach, aig Acadamaidh na Cananaich, a chaidh a dhealbhachadh le Iain MacDhonnchaidh, agus a thogadh ann an 1890.

Stèidhicheadh a' Chathair-eaglais a bu mhotha anns a' Chananaich anns an treas linn deug. Fhuair e an t-ainm o thùs o na thog na h-easbaigean agus na cananan an taighean faisg air a' Chathair-eaglais. Ann an 1444, dh'aontaich cairt bhon Rìgh Seumas II a' Chananaich le Ros Mhaircnidh a bha gu math na bu shine, fon ainm "Fortross" (A' Chananaich), no Fortrose mar a chanar ris an-diugh.

Ann an 1444, dh'aontaich cairt bhon Rìgh Seumas II a' Chananaich leis a' Ros Mhaircnidh, a bha gu math na bu shine, fon ainm Fortross (A' Chananaich) ris an abrar Fortrose (A' Chananaich) an-diugh. Ro 1584 bha sgoil-ghramair anns a' Chananaich, agus thàinig piseach air a' bhaile mar ionad dha na h-ealainean agus saidheans, agus gu h-àraidh an lagh agus diadhachd. Ach mus tàinig àm an Ath-Leasachaidh, bha a' Chathair-eaglais mar-thà ann an droch staid, agus thug an t-arm aig Oliver Cromwell leotha mòran dhen chloich-ghainmhich ruaidh aice gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Chan eil air fhàgail dhen Chathair-eaglais ach earrann bheag.

Mhair am baile mar ionad foghlaim. Stèidhicheadh Acadamaidh na Cananaich ann an 1791 agus bha i ainmeil airson foghlaim.

An-diugh bidh mòran de luchd-turais agus de dhaoine air saor-laithean a' tighinn dhan Chananaich. Bho dh'fhosgladh Drochaid Cheiseig ann an 1982, tha am baile furasta faighinn ann o Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chananaich bhon adhar

ROS: Ros Mhaircnidh

1940an

cairtean; bailtean; cathair-eaglaisean; eaglaisean; sgoiltean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection