Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caolas Mhoireibh bho shuidheachadh os cionn na Cananaich????
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0435
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32355
KEYWORDS
cairtean
rudhachan
mothal-làir
cathair-eaglaisean
bailtean
sgoiltean
aiseagan
taighean-solais
buidseachd
fiosaichean
goilf
leumadairean
calachan
rèilichean
drochaidean
The Moray Firth from above Fortrose

Tha a' chairt seo bho na 1950an a' sealltainn Caolas Mhoireibh bho shuidheachadh os cionn na Cananaich.

Tha a' Chananaich air costa a deas an Eilein Duibh os cionn Caolas Mhoireibh.

Tha Rubha na Cananaich a' sìneadh mu mhìle a-steach dhan chaolas. A rèir coltais 's e moirèan a th' ann, dùin chreagan agus chlachan a chaidh fhàgail ann an Linn na Deighe. Aig a' chùl tha costa Siorrachd Inbhir Nis. Ann am meadhan a' bhaile tha tobhta Cathair-eaglais na Cananaich.

Stèidhicheadh a' chathair-eaglais anns an treas linn deug agus 's ann an seo a bha an taigh aig Easbaig Rois. Thog na cananan, na sagairt a bha frithealadh na cathair-eaglais, na mansaichean aca mun cuairt air a' chathair-eaglais. Bha a' Chananaich, ainm a' bhaile, a' ciallachadh àite nan canan.

Ann an 1444, dh'aontaich cairt bhon Rìgh Seumas II a' Chananaich leis a' Ros Mhaircnidh, a bha gu math na bu shine, fon ainm Fortross (A' Chananaich) ris an abrar Fortrose (A' Chananaich) an-diugh. Ro 1584 bha sgoil-ghramair anns a' Chananaich, agus thàinig piseach air a' bhaile mar ionad dha na h-ealainean agus saidheans, agus gu h-àraidh an lagh agus diadhachd. Ach mus tàinig àm an Ath-leasachaidh, bha a' Chathair-eaglais mar-thà ann an droch staid, agus thug an t-arm aig Oliver Cromwell leotha mòran dhen chloich-ghainmhich ruaidh aice gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Chan eil air fhàgail dhen Chathair-eaglais ach earrann bheag.

Mhair am baile mar ionad foghlaim. Stèidhicheadh Acadamaidh na Cananaich ann an 1791 agus bha i ainmeil airson foghlaim.

Anns an naoidheamh linn deug bhiodh bàtaichean-smùide le bathar agus luchd-siubhail a' stad aig Gob na Cananaich aig ceann rubha chaoil, Rubha na Cananaich, a tha sìneadh fad mìle a-mach dhan mhuir. Gus na 1930an bha aiseag a' falbh gu cunbhalach eadar Gob na Cananaich agus Àird nan Saor air costa Siorrachd Inbhir Nis, an dòigh as giorra air a dhol tarsainn Caolas Mhoireibh.

Thogadh an taigh-solais aig Gob na Cananaich le Ailean Stevenson ann an 1846. Faisg air an taigh-sholais tha clach-chuimhne do Choinneach Odhar. Thog Ban-iarla Sìophort casaid na aghaidh ann an 1660 gun robh e ri buidseachd agus chaidh a losgadh gu bàs ann am baraille spèiceach làn teàrra.

Tha an rubha ainmeil an-diugh airson chur-seachadan nas ciùine. Thig mòran dhan Ghob a dh'fhaicinn leumadairean, agus thathar air a bhith cluichd goilf air an raon bho thràth anns an 18mh linn.

Chaidh an cala a thogail ann an 1817 le Tòmas Telford. Chaidh na ceanglaichean eadar sgìrean a leasachadh nuair a dh'fhosgail rèile an Eilein Duibh ann an 1894. Dhùin e do luchd-siubhail ann an 1951. Tha fèill air a' Chananaich le luchd-turais agus sluagh air saor-làithean agus le fosgladh Drochaid Cheiseig ann an 1982, tha e furasta Inbhir Nis a ruigsinn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caolas Mhoireibh bho shuidheachadh os cionn na Cananaich????

ROS: Ros Mhaircnidh

1950an

cairtean; rudhachan; mothal-làir; cathair-eaglaisean; bailtean; sgoiltean; aiseagan; taighean-solais; buidseachd; fiosaichean; goilf; leumadairean; calachan; rèilichean; drochaidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection