Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Gòrdan Noble mu ionnsaighean adhair ann an Sheffield is an Scapa Flow
EXTERNAL ID
WD_HF06_TRACK07_NOBLE
ÀITE
Bàgh Sgapa
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Gordon Noble
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3236
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
bomadh
sprèadhadh
ionnsaighean adhair
ionnsaigh adhair
blitz
claistinneach

Get Adobe Flash player

Chunnaic Gòrdan Noble bomadh ann an Sheffield is an Scapa Flow aig àm an Dàrna Cogaidh.

Dè bha sibh a' faireachdainn nuair a thuiteadh bomaichean faisg oirbh?

Uill, bha mi ag innse mar a bha mi a' fuireach ann an Sheffield aig àm a' Chogaidh agus gu robh droch bhlitz ann an Sheffield. Chaidh tòrr dhen àite a sgrios gu làr: pìoban mòra uisge air am briseadh, bomaichean nach do sprèadh agus a h-uile seòrsa rud. Agus cha robh e idir tlachdmhor oir bha seo a' tachairt agus bha eagal ort dè bha 'dol a thachairt. Agus bha mi aon là san àite-fasgaidh fon taigh, mar a thuirt mi, ag òl sùgh orains ann am muga geal tiona, agus anns an t-sùgh bha pìosan beaga orainseir ann, eil fhios agad, agus cha robh mi eòlach air seo agus bha mi den bheachd gu robh rudeigin ceàrr air an t-sùgh orains seo. Agus sprèadh am bom a bha seo agus sprèadh e an sgoil agus shèid e a-staigh na h-uinneagan againn uile agus thàinig criomagan beaga meirg bhon iarainn sgreangail a bha am mullach an fhasgaidh - thàinig e sios agus a-steach na mo mhuga, agus cha robh mi idir toilichte. Agus às dèidh làimh, nuair a chaidh sinn suas, bha an t-adhar gu lèir dearg-orains. 'S e sealladh iongantach, 'impressive' 's dòcha am facal ceàrr, ach dramataigeach a bh' ann, eil fhios agaibh, an t-àite gu lèir mar sin. Agus uaireannan nuair a bhiodh na bomaichean a' tighinn sìos, chluinneadh tu iad a' feadalaich, uuìììì po-ubh - an seòrsa rud sin. Agus mar a tha mi 'g ràdh, chaidh an sgoil a sprèadhadh agus bha e mu, 's dòcha, trithead no ceathrad slat (deich air fhichead no dà fhichead) air falbh bhon taigh san robh mise a' fuireach. Agus mar sin a bha e. Ach tha cuimhn' agam a' dol a-mach dhan sgoil agus anns na tobhtaichean sin agus na daoine a' togail suas pìosan shrapnel. 'S e sin pìosan beaga de shligean nam bomaichean a bha air sprèadhadh agus bha e coltach ri iarainn air toinneamh agus bha iad fhathast teth sa mhadainn nuair a chuireadh tu na do làimh iad - eil fhios agad, teth fhathast.

Agus cuideachd chunnaic mi an t-ionnsaigh mòr air Scapa Flow, a chionn's, le bhith a' fuireach san taigh sin, Braehead House, bha sinn nar seasamh dìreach air an taobh a-muigh agus bha ionnsaigh eagalach mòr air Scapa Flow aon oidhche - bragan is bomaichean agus chitheadh tu na solais-siridh a' dol suas agus chitheadh tu gum biodh iad a' cur suas shligean-rionnaige. 'S e sin slige a bhiodh a' lasadh suas an adhair gus am faiceadh iad na bomairean ach an loisgeadh iad orra. Mar sin tha cuimhn' againn air an fhear sin gu math soilleir. Ach an fheadhainn a sheas na b'fhaide nam inntinn 's e sin nuair a bha na Gearmailtich a' leagail bhomaichean orm ann an Sheffield.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Gòrdan Noble mu ionnsaighean adhair ann an Sheffield is an Scapa Flow

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; bomadh; sprèadhadh; ionnsaighean adhair; ionnsaigh adhair; blitz; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)