Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An cladach agus Ceann na Creige anns a' Chananaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0449
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32371
KEYWORDS
cairtean
calachan: seòladh
iomramh
snàmh
The Shore and Braehead, Fortrose

Tha a' chairt seo bho na 1930an a' sealltainn a' chladaich agus Ceann a' Bràigh anns a' Chananaich.

B' e sìol-lann a thogadh anns an 1813 a bh' anns an togalach anns a' mheadhan. Tha e nis na thaigh prìobhaideach. Air a' chùl tha cala de chloich-ghainmhich a thogadh ann an 1817 le Tòmas Telford. Chosg e £4000. Thàinig pàirt dhen airgead seo bho fhuigheall dhen ionmhas aig Coimiseanairean nan Oighreachdan Arfuntaichte. Chuireadh cidhe fiodh ris ann an 1879, ach bha e air grodadh ro mheadhan an fhicheadamh linn.

Na b' anmoiche anns an 19mh linn, bhiodh taisbeanadh de shoithichean gach bliadhna ann an Camas na Cananaich anns an Lùnastal, le farpaisean ann an seòladh, iomramh agus snàmh. Dh'fhàs Comann Bàtaichean na Cananaich bho na taisbeanaidhean seo, gus an do stad e aig toiseach a' Chogaidh Mhòir.

Thòisich an comann às ùr ann an 1956 fon ainm Comann Seòlaidh na Cananaich ("Chanonry Sailing Club"). 'S e comann trang a th' ann an-diugh le measgachadh de gheòlaichean agus eathraichean-siubhail, agus mìosachan gu math làn de thachartasan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An cladach agus Ceann na Creige anns a' Chananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

1930an

cairtean; calachan: seòladh; iomramh; snàmh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection