Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Donnchadh agus Elsie Cormack mu bhomadh Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
WD_HF06_TRACK08_CORMACK
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Duncan & Elsie Cormack
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3238
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
às-fhalamhachadh
evacuation
bomadh
ionnsaighean adhair
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha Donnchadh agus Elsie Cormack a' fuireach ann an Inbhir Ùige nuair a chaidh a bhomadh tràth san Dàrna Cogadh.

A' Bh-ph C: Cha robh dragh againn mu bhith air ar bomadh; cha do smaoinich sinn idir air. Gu dearbha, cò tha a' dol a chur dragh air Inbhir Ùige, fada shuas an taobh tuath na h-Alba? Neo Inbhir Theòrsa? Gu dearbh, 's dòcha gun tachradh rudan mar sin ann an Lunnainn, ann an Glaschu, sna bailtean mòra gu lèir; ach cha tigeadh iad idir gu àite leithid Inbhir Ùige. Cha do smaoinich sinn a-riamh air.

Mgr.C: Cha do smaoinich.

A' Bh-ph C: Ach glè thràth sa chogadh , lorg sinn a-mach gum bi rudan mar sin a' tachairt gu dearbh, oir a' chiad bhoma idir a thuit air tìr-mòr Breatainn, 's ann air Inbhir Ùige a thuit e air a' chiad là den Iuchair 1940, far an deach daoine am marbhadh agus 's ann an uairsin a chaill mise mo dhà phiuthair bheag, aois còig is naoi. Uill, 's ann an uairsin a thuig sinn glè mhath dè bha na luib agus bha fhios againn gun gabhadh àite sam bith a bhomadh. Leag iad bomaichean air Inbhir Ùige a-rithist san Dàmhair agus chaidh clann eile am marbhadh; dithis eile an uairsin. Chaidh mòran chloinne am marbhadh. Agus saoilidh tu 'Chan eil sin ceart! Chan ann ruinne a bhios seo a' tachairt. Chan eil sinne a' deanamh cron air Hitler no air duine sam bith eile.' Ach thàinig e a-steach oirnn gum bi e a' tachairt . Agus chan iarrainn gun tachradh an leithid ri duine sam bith agaibhse, agus nì mi ùrnaigh ri Dia nach tachair.

Mgr C: Uill, chaidh Inbhir Ùige a bhomadh dà uair, eil fhios, agus bha an dàrna bomadh air, neo faisg air a' phort-adhair, agus mar sin chaidh an teaghlach agamsa a tharraing a-steach na luib. Chaidh dà bhom a leagail air dà thaigh aig oir a' phort-adhair agus chaidh na taighean an sprèadhadh agus daoine air am marbhadh, agus gillean, dà ghille, nach b' e?

A' Bh-ph C: Nighean agus gille.

Mgr C: Chaidh nighean agus gille am marbhadh.

A' Bh-ph C: Chaidh Iain agus Beataidh am marbhadh.

Mgr C: Agus thuit boma eile - ach cha robh fios againn mu' n fhear seo - thuit fear eile aig ceann na sràid againn mu cheud slat bhon taigh againn, agus cha robh for againn gu robh e ann, eile fhios agad, bho nach do sprèadh e. Chaidh e a-steach dhan ghàrradh; a dh'ìnnseadh na fìrinn, sgiong e air ceann aon taigh, sgèith e tarsainn na sràide agus thuit e sa ghàrradh, agus bha an gàrradh air a chladhadh 's air a thionndadh, eil fhios, 's mar sin bha an talamh bog agus chaidh am bom a-steach buileach agus dìreach na sgiathan air an earball a' putadh a-mach às an talamh. Agus dè an uairsin ach gun do nochd am poileas agus thàinig oirnn a bhith air às-fhalamhachadh. Dh'fheumadh a h-uile duine air an t-sràid teicheadh às, 's mar sin 's e às-fhalamhaichean a bh' annainn fad là is oidhche. Agus thàinig sgioba cur-às do bhomaichean, bomb disposal squad, bhon Arm an Inbhir Ùige - agus thàinig iadsan suas agus chuir iad gu neo-fheum e, rinn iad 'defusadh' air. Agus fhuair sinn a-steach air ais dhan taigh - bha sin air an Disathairne - fhuair sinn a-steach air ais dhan taigh feasgar na Sàbaid, agus cha do sprèadh e idir. Mar sin, b' e sin fear de na tachartasan beaga, eil fhios, a bh' againn, agus na rudan beaga seo, cha bhi iad a' dol às do chuimhne idir, cha bhi a-chaoidh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Donnchadh agus Elsie Cormack mu bhomadh Inbhir Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; às-fhalamhachadh; evacuation; bomadh; ionnsaighean adhair; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)