Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An taobh a-staigh, Cathair-eaglais na Cananaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0455_AT
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
32382
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
easbaigean
uaighean
carraighean-cuimhne
cùisean-lagha
Interior, Fortrose Cathedral

Stèidhicheadh Cathair-eaglais na Cananaich anns an 13mh linn leis an Easbaig Raibeart, an dèidh do dh' Easbaigean Rois gluasad an seo bho Ros Mhaircnidh. Sguir obair-togail ri linn Cogaidhean na Saorsa agus thòisich i a-rithist anmoch anns a' 14mh linn. Bha e mar-thà ann an droch staid an dèidh an Ath-leasachaidh, le mòran dhen chloich-ghainmhich air a thoirt air falbh le arm Oliver Cromwell gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Thug muinntir an àite an còrr air falbh airson an taighean.

Chan eil air fhàgail ach an trannsa a deas den eaglais, agus seòmar nan nithean naomha aig an taigh-chlèire. Anns na trannsaichean tha trì uaighean boghach: Oighrig, Ban-Iarla Rois, a b' fheudar Alastair Stiùbhart (Madadh Bhàideanaich) a phòsadh an aghaidh a toil; an t-Easbaig Raibeart Cairncross a dh'eug ann an 1545; agus an t-Easbaig Iain Friseal a dh'eug ann an 1507. Tha iomadh clàr marmoir anns a' Chathair-eaglais mar chuimhneachan air cuid de na Sìophortaich, agus carragh-cuimhne a thogadh mu 1800 do Shir Alastair MacCoinnich on Chùil.

'S ann anns a' Chathair-eaglais a bha a' chùis-lagha aig Coinneach Odhar Fiosaiche, am "Brahan Seer"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An taobh a-staigh, Cathair-eaglais na Cananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

2000an

cathair-eaglaisean; easbaigean; uaighean; carraighean-cuimhne; cùisean-lagha

Am Baile

Stèidhicheadh Cathair-eaglais na Cananaich anns an 13mh linn leis an Easbaig Raibeart, an dèidh do dh' Easbaigean Rois gluasad an seo bho Ros Mhaircnidh. Sguir obair-togail ri linn Cogaidhean na Saorsa agus thòisich i a-rithist anmoch anns a' 14mh linn. Bha e mar-thà ann an droch staid an dèidh an Ath-leasachaidh, le mòran dhen chloich-ghainmhich air a thoirt air falbh le arm Oliver Cromwell gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Thug muinntir an àite an còrr air falbh airson an taighean.<br /> <br /> Chan eil air fhàgail ach an trannsa a deas den eaglais, agus seòmar nan nithean naomha aig an taigh-chlèire. Anns na trannsaichean tha trì uaighean boghach: Oighrig, Ban-Iarla Rois, a b' fheudar Alastair Stiùbhart (Madadh Bhàideanaich) a phòsadh an aghaidh a toil; an t-Easbaig Raibeart Cairncross a dh'eug ann an 1545; agus an t-Easbaig Iain Friseal a dh'eug ann an 1507. Tha iomadh clàr marmoir anns a' Chathair-eaglais mar chuimhneachan air cuid de na Sìophortaich, agus carragh-cuimhne a thogadh mu 1800 do Shir Alastair MacCoinnich on Chùil.<br /> <br /> 'S ann anns a' Chathair-eaglais a bha a' chùis-lagha aig Coinneach Odhar Fiosaiche, am "Brahan Seer"