Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-solais Rubha na Cananaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0456
ÀITE
Rubha na Cananaich
SGÌRE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32383
KEYWORDS
cairtean
rubha
taighean-solais
aiseagan
eilthirich
taighean-òsta
buidseachd
leumadairean
goilf
Chanonry Point Lighthouse

Tha a' chairt seo bho na 1980an a' sealltainn Taigh-solais Gob na Cananaich anns an Eilean Dubh.

Tha Gob na Cananaich air ceann rubha, Rubha na Cananaich, a tha a' sìneadh a-mach mìle ann an Caolas Mhoireibh. Tha Rubha na Cananaich a' sìneadh mu mhìle a-steach dhan chaolas. A rèir coltais 's e moirèan a th' ann, dùin chreagan agus chlachan a chaidh fhàgail ann an Linn na Deighe. Air astar tha baile Àird nan Saor air costa Siorrachd Inbhir Nis.

Thogadh an taigh-solais le Ailean Stevenson ann an 1846, agus tha samhlaidhean Èiphiteach air an doras agus air na taighean. 'S e sealbh prìobhaideach a tha air na taighean an-diugh.

A' dol air ais iomadh linn bha aiseag a' dol eadar Gob na Cananaich agus Àird nan Saor, a' chuairt as giorra tarsainn Caolas Mhoireibh. Bha an t-aiseag a' tarraing eilthirich, Seumas IV nam measg, air an rathad gu comhan an Naoimh Duthac ann am Baile Dhubhthaich. Sguir cuairtean cunbhalach an aiseig ann an 1932, nuair a dh'eug fear a' bhàta. Chaidh taigh-òsta a bh' air an làraich a dhèanamh na thaigh.

Anns an naoidheamh linn deug bhiodh bàtaichean-smùide le bathar agus luchd-siubhail a' stad aig Gob na Cananaich.

Faisg air an taigh-sholais tha clach-chuimhne do Choinneach Odhar. Thog Ban-Iarla Shìophoirt casaid na aghaidh ann an 1660 gun robh e ri buidseachd agus chaidh a losgadh gu bàs ann am baraille spèiceach làn teàrra.

Tha an rubha ainmeil an-diugh airson chur-seachadan nas ciùine. Thig mòran dhan Ghob a dh'fhaicinn leumadairean, agus thathar air a bhith cluich goilf air an raon bho thràth anns an 18mh linn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-solais Rubha na Cananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

1980an

cairtean; rubha; taighean-solais; aiseagan; eilthirich; taighean-òsta; buidseachd; leumadairean; goilf

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection