Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Baile Dhonnchaidh, faisg air a' Chananaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0458
ÀITE
Baile Dhonnchaidh
SGÌRE
Abhach
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Abhach
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32385
KEYWORDS
cairtean
taighean mòra
oighreachdan
ceàird

bailtean beaga
rupan
Rosehaugh House, near Fortrose

Tha a' chairt seo a' sealltainn Baile Dhonnchaidh faisg air a' Chananaich.

Tha "haugh" a' ciallachadh "fearann ri taobh srutha" agus tha beachd a' nochdadh anns an t-Sean Chunntas Àireamhail gun
d'fhuair "Rosehaugh" ainm air sgàth nan ròsan fiadhaich a bha fàs ri taobh uillt, ach 's dòcha gur e "ros", a' ciallachadh "rubha", a tha ann.

'S e "Petconachy" a bha air an oighreachd air a bheil "Rosehaugh" (Baile Dhonnchaidh) an-diugh, agus chaidh a cheannach le Sir Deòrsa MacCoinnich (1636-1691), fear-lagha agus Ball-Pàrlamaid ainmeil a choisinn cliù gu sònraichte mar fhear-casaid luchd nan Cùmhnant, clèirich a chuir an aghaidh Theàrlaich II, a bha na Chaitligeach. Reic Sir Deòrsa Petconnoquhy ann an 1688 do Shir Coinneach MacCoinnich, ciad Ridir Sgatail. Thog ogha, Sir Ruairidh MacCoinnich, taigh mòr a dh'ainmich e mar Rosehaugh. Ann an 1865 bha an siathamh ridir gun sgillinn, agus reic e an oighreachd ri Seumas Fleisdear.

Bha Seumas Fleisdear na mharsanta soirbheachail, le gnìomhachas air feadh a' chruinne-cè, gu sònraichte clòimh alpaca ann am Peru. 'S iomadh rud a leasaich e anns an oighreachd agus ann am baile Abhach, às an tàinig a chuideachd. Dh'fhastaidh e Alasdair Ros, ailtire às Inbhir Nis, gus an taigh a leudachadh, agus chaidh for-dhoras agus seòmar-gloinne a chur ris. Fhuair mac Sheumais, Seumas Dùghlas, an oighreachd ann an 1885, agus 's ann an urra ris-san a bha an togalach a chithear an seo.

Dh'fhastaidh Seumas, Uilleam Flockhart, agus rè deich bliadhna chruth-atharraich e agus leudaich e an taigh gu pròiseil. Chrìochnaicheadh an obair ann an 1903. An uair sin thionndaidh Seumas do na leasan. Am measg nan atharraichidhean bha ìrean, taighean-glainne agus poirdse. Rinn e mòran do mhuinntir an àite cuideachd agus bha an sluagh dèidheil air.

Cha robh clann aig Seumas agus a bhean Lilian. An dèidh a bhàis ann an 1927 ghabh ise stiùir na h-oighreachd os làimh ach bha bliadhnaichean garbh anns na 1930an. Reic Lilian cuid mhòr dhen talamh ann an 1943, nuair a bha i seachad air 70 bliadhna. An dèidh a bàis ann an 1953 fhuair nighean a peathar, A' Bh-Uas NicIlleSheathanaich-NicCoinnich, an taigh agus an tìr ma chuairt. Cha robh an taigh air a chumail air dòigh mar bu chòir. Thug A' Bh-Uas NicIlleSheathanaich-NicCoinnich agus an duine seachad grunn rudan, nam measg ìomhaigh Bhuddha a chithear fhathast anns an Taigh-tasgaidh Rìoghail ann an Dùn Èideann, agus an uair sin reic iad an oighreachd do ri Companaidh Àrachais Eagle Star.

Ann an 1954 reic Companaidh Àrachais Eagle Star na bha am broinn an taighe. 'S e tachartas mòr don sgìre a bha ann, agus mhair an reic ochd latha. Bha an taigh, gu h-àraidh am mullach, feumach air mòran càraidh. Bha sligean-crèadha ann an àite nan sglèataichean a tha àbhaisteach, agus cha robh iad daingeann ann an geamhraidhean Albannach. Mu dheireadh thall, cha robh tairgse ann don taigh, agus chaidh a leagail ann an 1959. Tha an oighreachd an gnìomh fhathast, ge-tà. Reiceadh i a-rithist ann an 1991 agus rinn na sealbhadairean iomadh leasachadh. Dh'ath-nuadhaicheadh cuid dhe na taighean agus tha iad ri fhastadh airson nan saor-làithean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Baile Dhonnchaidh, faisg air a' Chananaich

ROS: Abhach

1910an

cairtean; taighean mòra; oighreachdan; ceàird;
bailtean beaga; rupan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection